Fosgail am prìomh chlàr-taice

B' e eachdraiche cliùiteach na Gaidhealtachd a bha ann an Dotair Iain Mac a' Bhrataich (Beurla: John Bannerman; Baile Mo Thatha, 13 an Lùnasdal 1932Baile Mo Thatha, 8 an Dàmhair 2008). Bha an rannsachadh aige air Dál Riata, an Seanchas Ì Chaluim Chille, agus an Senchus fer n-Alban (Seanchas Fhear na h-Alba) gu h-àraidh buadhach.

Iain Mac a' Bhrataich
Beatha
Breith 13 dhen Lùnastal 1932
Bàs 8 dhen Dàmhair 2008
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chambridge
Oilthigh Ghlaschu
Dreuchd
Dreuchd eachdraiche
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann

Rugadh e ann am Baile Mo Thatha 13 an Lùnasdal 1932, taobh Loch Laomainn ann an teaghlach Gàidhlig, agus sgrùdaich e na cànanan Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Chambridge. As dèidh dha ceumnachadh, ghabh e dreuchd an toiseach anns an Roinn Ceilteach aig Oilthigh Obar Dheathain, agus an sin ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Leig e dheth a dhreuchd aig an oilthigh ann an 1997 a bhith na thuathanach làn-thìde ann am Baile mo Thatha. Chaochail e ann an 8 an Dàmhair 2008.

Clàr-leabhraicheanDeasaich

  • Bannerman, John (1983): “Literacy in the Highlands”, ann an: Ian B. Cowan & Duncan Shaw: The Renaissance and Reformation in Scotland. Edinburgh: Scottish Academic Press, td. 214–235.