'S e nobhail fhicsean-saidheans a th' ann an Air Cuan Dubh Drilseach, le Tim Armstrong, a chaidh a chur an clò le CLÀR anns a' Ghiblean, 2013. 'S e Air Cuan Dubh Drilseach a' chiad leabhar ficsean-saidheans cruaidh do dh'inbhich anns a' Ghàidhlig. A thaobh cuspair, tha an nobhail suidhichte eadar saibeir-punc agus opra-fànais, agus an sgeulachd a-mach air saibeirneataics, an t-singilteachd theicneòlach, poileataics anarcach agus ceòl nuadh.

Còmhdach an leabhair

Duais Litreachais Comann Bratach na Croise 2013

deasaich

Anns an Dàmhair 2013, chaidh Air Cuan Dubh Drilseach ainmeachadh air Geàrr-liosta Duais Litreachais Comann Bratach na Croise - Ciad Leabhar na Bliadhna - còmhla ri leabhraichean bho Chalum MacAoidh (Mantle), Eunice Buchanan (Kettillonia), Vicky Jarrett (Linen Press) agus Kellan MacInnes (Luath Press).[1][2] Bhuannaich an nobhail an duais.[3]

Eadar-theangachadh

deasaich

Chaidh Tinte na Farraige Duibhe fhoillseachadh le Leabhar Breac ann an 2020. Chaidh Tinte na Farraige Duibhe eadar-theangachadh le Eoin P. Ó Murchú.[4]

  1. Storey, Ealasaid Cairistiona Theresa (An Dàmhair 2013): “Duaisean Litreachais Comann Bratach na Croise 2013”. CLAR. Air a thogail 10mh dhen Dàmhair 2013.
  2. 2013 Literary Awards for Lewis Authors”, Gasaet Steòrnabhaigh. An t-Samhain 2013. Air a thogail 12mh dhen t-Samhain 2013. 
  3. Ferguson, Brian: “Scotsman Gaelic science fiction award”, An t-Albannach. 15mh dhen t-Samhain 2013. Air a thogail 10mh dhen Fhaoilleach 2014. 
  4. Armstrong, Tim (27mh dhen Dàmhair 2020): “Tinte na Farraige Duibhe”. drilseach.net. Air a thogail 12mh dhen t-Samhain 2020.

Ceanglaichean a-muigh

deasaich