William McIlvanney
B' e William McIlvanney (25mh An Samhainn 1936–5mh An Dùbhlachd 2015) ùghdar Albannach, ainmeil airson na leabhraichean eucoir (tartan noir) agus caractaran is cuspairean clas-obrach. Se suidheachadh mòran de na sgeulachdan aige Glaschu anns na 70an.
William McIlvanney | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Cille Mheàrnaig, 25 dhen t-Samhain 1936 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Netherlee (en) , 5 dhen Dùbhlachd 2015 |
Nàdar a’ bhàis | (tinneas Alzheimer) |
Teaghlach | |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Kilmarnock Academy (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, neach-naidheachd agus bàrd |
Obraichean comharraichte | Laidlaw (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
IMDb | nm0570532 |
Rugadh McIlvanney ann an Cille Mheàrnaig 25mh An Samhainn 1936, agus cheumnaich e bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1960 le ceum ann an litreachas. Bha e ag obair cha mhòr fichead bliadhna mar tidsear ann an Irbhinn, mas do thòisich e a' sgrìobhadh làn-ùine.
Fad a bheatha, se sòisealach a bh' ann agus, mu dheireadh, thug e taic dhan strì airson neo-eisimeileachd Albannach.
Se na leabhraichean as iomraitiche aige, The Big Man agus na trì leabhraichean eucoir Laidlaw, suidhichte ann an Glaschu, agus Docherty, a ghabhas àite ann am baile mèinnearachd Albannach.
Shiubhal e ann an Glaschu ann an 2015. Ann an 2020, chaidh a chur an cèill gum bitheadh Ian Rankin (ùghdar eucoir Albannach a fhuair brosnachadh nuair a bha e òg bho McIlvanney) a' clò-bhualadh sgeulachd ùr Laidlaw le bhith a' cur crìoch air làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte McIlvanney.[1]