B’ e Seumas Hogg (1770 – 21 Samhain 1835; Beurla: James Hogg) bàrd agus sgrìobhadair na Beurla agus na Beurla Gallta.[1] Nuair a bha e na òganach bha e an sàs ann an àiteachas mar bhuachaille agus cìobair, agus fhuair e a chuid fhoghlaim na aonar tron leughadh pearsanta.[2] Bha e na charaid do mhòran sgrìobhadairean cliùiteach a bha beò san àm, Walter Scott nam measg. Fiù ’s sgrìobh Hogg eachdraidh-bheatha neo-oifigeil a’ bhàird.[3] Bha e cliùiteach mar am "Cìobair Eadaraig" (Ettrick Shepherd), is chleachdadh am far-ainm nuair a dh’fhoillseachadh tòrr na sgrìobh e. A thuilleadh air sin, chaidh an t-ainm sin a chleachdadh mar ainm caractair san t-sreath ainmeil Noctes Ambrosianae, ga fhoillseachadh san iris Blackwood's Magazine.[4] Tha e fhathast ainmeil nar làithean airson na nobhail leis The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner. Am measg nan rud eile a sgrìobh e tha dàin mar The Queen's Wake (1813), cruinneachadh òrain Jacobite Reliques (1819), agus dà nobhail eile, The Three Perils of Man (1822) agus The Three Perils of Woman (1823).

Seumas Hogg
Sir John Watson Gordon - James Hogg, 1770 - 1835. Poet; 'The Ettrick Shepherd' - Google Art Project.jpg
Beatha
Breith Eadaraig, 9 dhen Dùbhlachd 1770
Dùthaich  Alba
Cinneadh Albannach
Bàs Eadaraig, 21 dhen t-Samhain 1835
Foghlam
Cànain A' Bheurla Ghallda
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair, nobhailiche, beatha-eachdraiche agus sgrìobhaiche òran
Obraichean comharraichte The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner (en) Translate
Gnè ealain Gothic literature (en) Translate
IMDb nm0389710

LeabhraicheanDeasaich

  • The Mountain Bard (1807)
  • The Forest Minstrel (1810)
  • The Queen's Wake (1813)
  • The Pilgrims of the Sun (1815)
  • Brownie of Bodsbeck (1817)
  • Jacobite Reliques (1819)
  • The Three Perils of Man (1822)
  • The Three Perils of Woman (1923)
  • The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner (1824)
  • Queen Hynde (1925)
  • Songs by the Ettrick Shephard (1831)
  • The Brownie of the Black Haggs (1828)
  • The Domestic Manner and Private Life of Sir Walter Scott (1834)
  • Tales and Sketches of the Ettrick Shepherd (1837)

IomraidheanDeasaich

  1. Hughes, Gillian, 1995. "James Hogg". The Literary Encyclopedia. [1]
  2. Eachdraidh-bheatha, BBC
  3. Karl Miller, The Electric Shepherd: A Likeness of James Hogg, 2004
  4. Hogg, James (2004). Anecdotes of Scott. Edinburgh, UK: Edinburgh University Press. pp. v-vi. ISBN 0-7486-2085-0