'S e sgrìobhadair Albannach a bha ann an Sir Arthur Ignatius Conan Doyle (22 Cèitean 1859, Dùn Èideann–7 Iuchar 1930, Crowborough, East Sussex), ainmeil air sgàth a sgeulachdan mu dhèidhinn Sherlock Holmes.

Arthur Conan Doyle
Beatha
Ainm slàn Arthur Ignatius Conan Doyle
Breith Dùn Èideann, 22 dhen Chèitean 1859
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Beurla
Bàs Windlesham Manor (en) Translate agus Crowborough (en) Translate, 7 dhen Iuchar 1930
Àite-adhlacaidh Church of All Saints cemetery (en) Translate
Windlesham Manor (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (stad a' chridhe)
Teaghlach
Athair Charles Altamont Doyle
Màthair Mary Foley
Cèile Louisa Hawkins (en) Translate  (6 dhen Lùnastal 1885 -  4 dhen Iuchar 1906)
Jean Elizabeth Leckie (en) Translate  (18 dhen t-Sultain 1907 -  7 dhen Iuchar 1930)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Stonyhurst Saint Mary's Hall (en) Translate
(1868 - 1870)
Stonyhurst College (en) Translate
(1870 - 1875)
Stella Matutina (en) Translate
(1875 - 1876)
Sgoil Leigheas Oilthigh Dhùn Èideann
(1876 - 1881)
Àrd-fhoghlam Bachelor of Medicine (en) Translate
Master of Surgery (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd lighiche, physician writer (en) Translate, nobhailiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, sgrìn-sgrìobhaiche, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, sgrìobhadair litreachas cloinne, sgrìobhadair leabhraichean eucoir, sgrìobhadair sgeulachdan goirid agus eachdraiche
Obraichean comharraichte canon of Sherlock Holmes (en) Translate
The Lost World (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Robert Louis Stevenson
Gnè ealain crime fiction (en) Translate
Ficsean-saidheans
ur-sgeul eachdraidheil
Creideamh
Creideamh lapsed Catholic (en) Translate
spiritism (en) Translate
Pàrtaidh poileataigeach Liberal Unionist Party (en) Translate
IMDb nm0236279
conandoyleestate.com agus sirconandoyle.com

Bha e na oileanach ann an Sgoil Meadaigeach Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha e ag obair mar dhotair as dèidh sin, ach 's litreachas a rinn ainmeil e. Sgrìobh e a' chiad nobhail le Sherlock Holmes is Dr Watson, A Study in Scarlet, ann an 1886, agus bha i air foillseachadh ann an 1887. Sgrìobhadh e grunn stòiridhean leis an dà as dèidh sin, agus tha e aithnichte gus an latha a tha ann air an sgàth, ged a bha esan na bu mhoiteile às na seachd nobhailean eachdraidheil a sgrìobh e.

Bha e cuideachd an sàs ann am poileataigs agus ann am beatha phoblaich: thug e taic dhan Chogadh Bhoer anns an leabhar The War in South Africa: Its Cause and Conduct. Bha e dà uair (1900 agus 1906) na thagraiche pàrlamaid, ged nach robh e soirbheachail. Agus ann an 1906, nuair a bha e na dhàrna sgrìobhadair Breatannach beò as cliùitiche (as dèidh Rudyard Kipling), chuidich e fear-lagha Innseanach, George Edalji, a bha air a dhìteadh (gu ceàrr) mar ùghdair litrichean bagarrach: bha e cuideachd air sàilleibh na cèise seo gun deach an Cùirt Ath-thagraidh Eucoireach (Court of Criminal Appeal) a stèidheachadh.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Am Bann Breac (The Adventure of the Speckled Band) - eadar-theangachadh Gàidhlig de fhear de na 56 stòiridhean giorra mu Sherlock Holmes a sgrìobh e air làrach-lìn Stòrlann
  • Arthur Conan Doyle - leabhraichean-d leis (sa Beurla) air làrach-lìn gutenberg.org