Köthen
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Anhalt-Bitterfeld
Sgìre Sagsainn-Anhalt
Co-chomharran 51° 45' 00' Tuath
11° 59' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 78.44 km²
Àireamh-shluaigh 26,889 (2013)
Dlùths 342.8/km²
Àireamh fòn +49 (0)3496
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air Bernburg agus Dessau-Roßlau air an àirde an ear na Gearmailte a th’ ann an Köthen (IPA: ˈkøːtən). Tha e suidhichte aig 80m os cionn ìre na mara, anns an stàit Sagsainn-Anhalt. Tha am baile 48km air falbh bho Mhagdeburg, 30km bho Halle, 54km bho Leipzig agus 130km bho Bherlin.[1] Tha 26,8890 duine a' fuireach ann.[2] Tha ceangal làidir ri leigheas-nàdara homeopathy ann.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh bad beag ann an ceann a deas a' bhaile air a bheil Cösitz a chlàradh airson a' chiad turais ann an 839 agus tha fios againn gun do rinn Otto von Ballenstadt droch mhilleadh air Köthen ann an 1115.[3] Bhuineadh e dhan teaghlach uasal Askanier. Stèidheachadh eaglais fo sgèith easbaigeachd Mhagdeburg ann an 1150 agus an ceann còig bliadhna bha Tighearna a chur air dòigh às leth na h-eaglaise, rud a chanadh Ministerialis ris. B' e ridire uasal a bh' ann a dh'fheumadh seirbheis a thoirt gu tighearna eile. Tha Sòrbais fhathast ga bruidhinn, còmhla ri Gearmailtis an seo ann an 1293. Dh' fhàs an t-àite gu bhith uabhasach beairteach agus fiù' s chuireadh taigh-cùinnidh air bhog an seo ann an 1160.B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Anhalt-Köthen a bh' ann bho 1603 gu ruige 1847.[4] Chuir Johann Sebastian Bach sia bliadhna seachad ag obair ann an Köthen mar mhaighstir-ciùil (Gearmailtis: Kappellmeister) bho 1717 gu ruige 1723 às leth a' Phrionnsa Leopold.[5] Leanadh am prionnsa ionnsachadh Jean Calvin agus cha ghabhadh e ri ceòl san eaglais idir. Air sàilleabh sin, cha dèanadh Bach obair air cuspairean spioradail fad an àm sin. 'S ann ann an Köthen a thug ceòl dannsa buaidh air.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Bachstadt Köthen
  4. Briefmarkenhaus
  5. Dome Schlosser

Ceanglaichean a-mach

deasaich