Halle (Saale)
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Halle (Saale)
Sgìre Sagsainn-Anhalt
Co-chomharran 51° 29 00' Tuath
11° 58′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 135.1 km²
Àireamh-shluaigh 232,963 (2010)
Dlùths 1,724.37/km²
Àireamh fòn +49 (0)345
Duilleag oifigeil http://www.halle.de

‘S e baile mòr ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann am Halle. Thathar a’ cleachdadh an ainm oifigeil Halle (Saale) neo Halle an der Saale (Halle air an Saale) o chionns gu bheil baile eile anns A' Ghearmailt air a bheil Halle. ‘S ann às an t-seann cheilteach Halen (Breatannais: Holen, Gàidhlig: Salann) a th’ann an t-ainm is bha na mèinnean salainn uabhasach cudromach dhan bhaile o chionn fhada. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 806. Tha e suidhichte aig 87m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Saale, anns an stàit Sagsainn-Anhalt agus ‘s e am baile as motha na stàite a th’ann cuideachd. Tha am baile 148km air falbh bho Bherlin, 78km bho Mhagdeburg, 131km bho Dresden agus dìreach 40km bho Leipzig.[1] ‘S e Kreisfreie Stadt neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1694.[2] Tha 232,963 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 32mh baile as motha na dùthcha.[3]

Eachdraidh

deasaich

Bha an Còisir Stadtsingechor air dòigh ann an Halle ro 1185 mar thà.[4] Bha an baile na phàirt co-bhann mhalairt Hansa bho 1281. Bha e fo bhuaidh easbaigeach Mhagdeburg bhon an 10mh Linn gu ruige 1680, nuair a ghabh A’ Phrùis thairis an sgìre uile gu lèir. Bha Màrtainn Lutair an sàs anns an sgìre seo (fiù’s thug e ceum thall ann an Erfurt) aig àm an Ath-Leasachaidh, is ‘s e daoine à Halle, ris an canar na Daoine Chràbhach (Gearmailtis: Pietismus),[5]a steidhich an Eaglais Lutairianach anns na Stàitean Aonaichte. Thachair cath fuilteach ann an sràidean is ceàrnagan a’ bhaile ann an 1806 eadar feachdan na Frainge is Arm na Prùise, ri linn cogaidhean Ar-a-mach na Frainge. Dh’fhàs am baile a bhith gu math beairt tron mhalairt fad an 19mh Linn. Chaidh an taigh-gnìomhachas theòclaid ainmeil Halloren a stèidheachadh an seo ann an 1803 is tha e fhathast ann gus an latha an-diugh.[6] Chaidh Taigh Opara a thogail ann an 1886, ach rinn na plèanaichean cogaidh droch sgrios airsan ann an 1945.[7] Bha Halle na phrìomh-bhaile Sagsainn Anhalt an dèidh an Dàrna Cogaidh gu ruige 1952 nuair a bhrist an DDR a-mach à chèile na seann roinnean (Gearmailtis: Länder). Bha na taighean-gnìomhachas ceimigeach, mar Buna agus Leuna, uabhasach làidir ann an Halle ri linn nan Comunnach ach chaidh iad à bhith an dèidh 1989.[8]

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. Oilthigh Halle
  3. Bailtean na Cruinne
  4. Stadtsingechor
  5. New Advent
  6. Schokoladen Museum
  7. Bühnen Halle
  8. Abandoned Places
  9. Ville de Grenoble
  10. Stadt Hildesheim
  11. Stadt Linz

Ceanglaichean a-mach

deasaich