Fosgail am prìomh chlàr-taice

B' e pears'-eaglais agus ceannard anns an Ath-Leasachadh a bha ann an Jean Calvin neo Iain Calvin (10 an t-Iuchar 150927 an Cèitean 1564). Is esan a stèidhich an sgoil-diadhaireachd Calbhanaich. Bha e na mhac Gérard Cauvin. Fhuair e a chuid fhoglaim ann an Oilthigh Orléans agus an Oilthigh Bourges. Sgrìobh Calvin an leabhar Institutio Christianae religionis ann am Basel, An Eilbheis. Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan. Ann an 1542 dh'fhoillsich e an leabhar-cheist Le catéchisme de l'Église de Genève. Chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus nochd e ann an clò, an dàrna leabhar a chaidh fhoillseachadh riamh ann an Gàidhlig, mar Adtimchiol an chreidimh comhaghalluidhedar an maighiser, agas an foghluinte ann an Dùn Èideann le John Wreittoune ann an 1631. Faodar leth-bhreac a' leughadh air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[1]

Jean Calvin
Portrait john calvin (flipped).jpg
Beatha
Ainm slàn Jehan Cauvin
Breith Noyon, 10 dhen Iuchar 1509
Dùthaich  An Fhraing
Poblachd Geneva  (1559 -
Ciad chànan Fraingis
Bàs Geneva, 27 dhen Chèitean 1564
Àite-adhlacaidh Cimetière des Rois
Nàdar a’ bhàis  (sepsis)
Teaghlach
Athair Gérard Cauvin
Cèile Idelette Calvin
Foghlam
Foghlam Collège de la Marche
Oilthigh Bourges
Oilthigh Orléans
Collège de Montaigu
Seann-oilthigh Orléans
Stiùiriche an teusais Melchior Volmar
Oileanaich dotaireachd Franciscus Junius
Lambert Daneau
Cànain Laideann
Fraingis
Meadhan-Fhraingis
Luchd-teagaisg Melchior Volmar
Dreuchd
Dreuchd diadhair, ministear, sgrìobhadair, Protestant reformer, aoghaire agus neach-lagha
Àitichean-obrach Geneva agus Strasbourg
Creideamh
Creideamh Lapsed Catholic
John Calvin signature.png

Aistean co-cheangailteDeasaich

IomraidheanDeasaich