'S e baile beag ris an taobh an iar Antioquia ann an Coloimbia a th' ann an Heliconia. Chaidh e a stèidheachadh mar bhaile ann an 1843, ged a thàinig an ceannsaiche Jorge Robledo ann an 1514. B' e Heliconia a' chiad àite ann an Antioquia far an ràinig na Spàinntich. Tha crìochan a' bhaile ris na bailtean Armenia, Angelopolis, Ebéjico agus Medellín.

Heliconia
municipality of Colombia
Cur air cois1814 Deasaich
Ainm oifigeilHeliconia Deasaich
Ainm dùthchasachHeliconia Deasaich
Cànan oifigeilSpàinntis Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailWestern Antioquia, Antioquia Deasaich
Roinn-tìdeUTC−05:00 Deasaich
Domhan-leud is -fhad6°12′38″N 75°43′48″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://heliconia-antioquia.gov.co/ Deasaich
Map

Freumhan an Ainm

deasaich

'S e Guaca agus Arví na ciadan ainmean a bha air an àite far a bheil Heliconia an latha an-diugh (Tha am Pàirc Nàdarra Arví faisg air Medellín).[1] An uair sin chaidh an t-ainm a dh'atharrachadh gu Ciudad de la Sal, bhon fhacal Spàinntis sal (salainn),[2] oir bha mèinnean salainn mòra anns a' bhaile. 'S e ainm Greugach a th' ann Heliconia. Fhuair e an t-ainm sin air sàilleabh am miotas Greugach mu dheidhinn na Daoine Sìthe aig an eas-uisge air a' Bheinn Helicon.[3]

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 6,656 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,847 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Heliconia (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.8% dhe na daoine ann an Heliconia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 28.7% dhe na dachannan.[6]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Heliconia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
  • Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
  • Fèisean Verraco dhe Guaca (Seann ainm a' bhaile).
  • Fèis an Amadain Cosiaca (Traidiseanta air feadh na h-Antioquia).
  • Fèisean Tomás (nan Tuathanach): an t-Ògmhios.
  • Fèille na h-Eich agus Sabaidean le Coilich.
  • Fèille an Naoimh Àrd-aingeal Raphael.
  • A' Chàisg.
  • Latha stèidheachadh a' Bhaile.
  • Fèisean an Aonaidh.
  • An Tilleadh.

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Parque Arví
  2. Real Academia de la Lengua
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia