Guadalajara
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Guadalajara
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,167 km²
Àireamh-shluaigh 256,461 (2014)
Dlùths 21.08/km²
Àireamh fòn + (949)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Guadalajara (IPA: ɡwaðalaˈxaɾa). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Guadalajara a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Guadalajara fad 12,167km²[3] agus tha 256,461 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 17mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 42mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ciudad Real, Cuenca, Madrid, Segovia, Soria, Teruel agus Zaragoza.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à وادي الحجرة (wād al-ḥaŷara) a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh abhainn Henares[6] ann an Arabais. 'S e eileamaid gu math cumanta ann an ainmean-àite na Spàinn a th' ann guad-. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' cur g aig an toiseach air sàilleabh nach eil am fuaim wa ann aig toiseach facal sam bi ann an Spàinntis. 'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd Henares. Tha cuid dhen bheachd gur ann à caisteal (ḥaŷara) ann an Arabais.[7] A dh'aindeoin sin, tha luchd-rannsachaidh eile ann a tha a' toirt taic do fhreumhan ann am Basgais, 's dòcha bho harrikada (Gàidhlig: àite clachach).[8] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

deasaich

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Ghuadalajara, thall air an àirde an iar na roinne, ann am Madrid. 'S e Torrejón del Rey an t-ainm a tha air.[9] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth air. Tha 5,150 duine a' fuireach ann.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008.
  7. Makki, M. A., Introducción para el estudio de los topónimos de origen árabe en España, Instituto Egipcio de Estudios Islámicos, Madrid, 1996, ISBN 978-84-920110-2-5.
  8. Ranz Yubero J, A., Diccionario de toponimia de Guadalajara, Aache ediciones, Guadalajara, 2007, ISBN 84-96236-97-8
  9. Ayuntamiento de Torrejón del Rey