Teruel
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Teruel City (en) Translate
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 14,810 km²
Àireamh-shluaigh 144,607 (2014)
Dlùths 9.76/km²
Àireamh fòn + (978)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Teruel (IPA: teˈɾwel, Aragonais: Tergüel, Catalanais: Terol). Tha e na laighe ann an Aragón, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Teruel a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghlaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Aragòin i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Teruel fad 14,810km²[3] agus tha 144,607 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an deicheamh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an dàrna thè as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Zaragoza, Guadalajara, Tarragona, Castelló, Cuenca agus València.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais agus Aragonais a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

Tha e coltach gur ann à Turboleta ann an Basgais-Ibearais a tha an t-ainm, agus thathar dhen bheachd gu bheil sin a' ciallachadh Àite na Tobrach bho itur + olu + eta. Chaidh sin atharrachadh gu تيروال (Tirwaal) ann an Arabais.[6] An dèidh nan Arabach nochd an dà fhoirm a tha againne an latha an-diugh: Terol ann an Catalanais agus Teruel ann an Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.[7] Mar a b’ àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Gargallo Moya A., El Concejo de Teruel en la Edad Media I. Teruel, ISBN 84-86982-64-2.
  7. Boletín de Filología