Meall a' Chrasgaidh
'S e beinn ann am Frìth Fanaich air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Meall a' Chrasgaidh. Tha e 934m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Meall a' Chrasgaidh | |
---|---|
Meall a Chrasgaidh bho Sgùrr nan Clach Geala | |
Àirde (m) | 934 |
Àirde (tr) | 3,064 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Fanaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH18507329 |
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon lùib san rathad A832 faisg air Bràigh Mhòr. Dh'fhaodadh coiseachd tron ghleann iar den bheinn agus suas dhan bhealach Am Bùrach agus an uair sin suas dhan mhullach. Dh'fhaodadh cuideachd a cheangal le Sgùrr nan Clach Geala agus Sgùrr nan Each[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Frìth Fanaich, Achadh an Iasgair agus Thoirbheartain. Tha Loch a' Mhadaidh suidhichte san ear air a' bheinn seo.