Durania
Durania
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Norte de Santander | ||||
Sgìre | Ear-dheas | ||||
Àirde | 940m | ||||
Co-chomharran | 07° 42' 50' Tuath 72° 39' 23' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 177.4 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 90,517 (2005) | ||||
Dlùths | 510.24/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile uabhasach beag ann an Norte de Santander, Coloimbia,[1] a th' ann an Durania. Tha e suidhichte aig 940m os cionn ìre na mara agus 42km air falbh bho Chúcuta. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 21.5˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1890.
Eachdraidh
deasaichB' e na Oporomas a bha làidir an seo mus an do ràinig na Spàinntich. Thugadh an sgìre air fad do Juan Sánchez Caballero ann ann 1551. Dh' fhàs am baile gu mòr an dèidh Cogadh na Mìle Làithean, o chionns gu robh àiteachas cho soirbheachail an seo, gu h-àirdh cofaidh agus siùcar.Thoisich Virgilio Barco Vargas ann am poileataigs an seo, nuair a chaidha thaghadh na chomhairliche ann an 1943, nuair a bha e dìreach 22 bliadhna a dh'aois.[3] Dh' fhàs Barco Vargas a bhith na cheann-suidhe na dùthcha bliadhnaichean an dèidh sin.
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 1,881 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, chan eil ach 4,289 anns an sgìre air fad.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Durania, ach tha 0.1% a tha nan Tùsanaich agus 0.9% nan daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 86.2% nan daoine ann an Durania leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 15.1% nan dachannan.[6]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Durania. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.