David Stewart
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an David Stewart BPA.
Bha e na oileanach aig Colaiste Pàislig agus rinn e dioplòma ann an obair shòisealta aig Oilthigh Shruighlea. Dh'obair e mar obraiche sòisealta ann an Dùn Phris, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis gus an do thaghadh e mar bhall Pàrlamaid Westminster airson Inbhir Nis an Ear, Inbhir Narann agus Loch Abar ann an 1997. Chaill e a sheat ann an 2005. Thaghadh e mar bhall-liosta airson na Ghàidhealtachd agus nan Eilean san taghadh Albannach 2007.[1] Tha e na bhall Pàrtaidh Làbarach na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- They Work for You: David Stewart MSP, Highlands and Islands
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Personal Information” (Beurla). Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen t-Sultain 2016.
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Buill sgìreil | Liam MacArtair (Arcaibh) • Jenni Minto (Earra-Ghàidheal agus Bòd) • Gail Ros (Gallaibh, Cataibh agus Ros) • Ceit Fhoirbeis (An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach) • Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) • Ridseard Lochhead (Moireabh) • Beatrice Wishart (Sealtainn) |
Buill liosta | Dòmhnall Camshron • Edward Mountain • Jamie Halcro Johnston • Dùghlas Ross • Ariane Burgess • Rhoda Ghrannd • Emma Roddick |