Dùn Neachdain
Dùn Neachdain | |
Càrn-cuimhne ann an Dùn Neachdain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 56° 37′ 45″ T 2° 48′ 10″ I |
Comharradh-clèithe | NO508489 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile-beag ann an Aonghas a th' ann an Dùn Neachdain no Dùn Eachain[1][2] (Beurla: Dunnichen).
Eachdraidh
deasaichTha beachd aig cuid de dh'eachdraichean gun tachair Blàr Dhùn Neachdain faisg air Dùn Neachdain, ach tha beachd aig cuid eile gun tachair e ann an Dùn Neachdain (Dunachton anns a' Bheurla) ann am Bàideanach.
Fhuaradh leac shnaidhte Chruithneach ann an Dùn Neachdain anns an 19mh linn. Tha an leac shnaidhte anns an Taigh-tasgaidh Meffan ann am Baile Fharfair a-nis, agus thogadh mac-samhail de ghlainne-shnàithlichean ri taobh na h-eaglaise Dhùn Neachdain.
Bha eaglais paraiste ann an Dùn Neachdain, ach thàinig seirbhisean gu crìch ann an 2011. Bidh na paraistich a' dol dhan eaglais ann an Letham a-nis.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Dunnichen/Dùn Eachain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2021.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Placenames of Scotland”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2021.
Bailtean | Achadh Muthaich • Baile Fharfair • Baile an Fhraoich • Birkhill • Breichinn • Bruach Tarbha • Càrn Ùstaidh • Càrn Mhìlidh • Ceann a' Mhonaidh • Ceathramh Mhoire • Cill Fheichin • Clàbha • Craichie • Drochaid Chreag Ìle • Dùn Dèagh • Dùn Neachdain • Earlaidh • East Haven • Èigil • Farnell • Glamas • Guthrie • Inbhir Chìollair • Kingsmuir • Letham • Newtyle • Memus • Menmuir • Monadh Fotha • Monadh Rois • Obar Bhrothaig • Obar Eilid • Obar Leamhnach • Ruadhainn • Srath Chatara • Srath Mhàrtainn • Tèalainn • Unthank |
Beanntan | Dris • Glas Maol |