Tha Achadh Muthaich na bhaile beag iasgaich ann an Aonghas, Alba, trì mìltean an ear-thuath air baile Obar Bhrothaig. Tha e na shuidhe air mullach creige de chlachan-gainmhich Deabhonach mu 120 troigh os cionn geodha is cladach moil.

Cladach Achadh Muthaich.jpg
Prìomh-shràid.jpg

Faodar dèanamh a-mach gu bheil an dàrna eileamaid den ainm aige, 'muthach', a' buntainn do na faclan buachaill, buaghair is bùthair (Gàidhlig Arainn) a tha uile a' freumhachadh ann am "bó". Is e seann-ainm air buachaill a' chruidh a th' ann am 'muthach'.

Ged as e Obar Bhrothaig a tha an-diugh aithnichte airson nan adagan smocte aige, chaidh na h-adagan a rèisgeadh o thùs le iasgairean Achadh Muthaich, gus an do dh'imrich na teaghlaichean iasgaich air fad a dh'Obar Bhrothaig le cuireadh o bhàillidhean a' bhaile sin agus gealltanas gum faigheadh iad fearann is caladh a' bhaile dhaibh fhèin.

Ainmean is SloinnidheanDeasaich

Thug muinntir Achadh Muthaich leotha an cainnt is cleachdaidhean don choimhearsnachd timcheall caladh Obar Bhrothaig ris an canar Fit o' the Toun. Ri linn a' chleachdaidh frith-ainm a thoirt air daoine air an robh ainm ceudna, gheibhear sloinnidhean an-diugh leithid Spink (a' ciallachadh 'sùrdail, lùthmhor') is Swankie (on fhacal 'swank') a bhite ag ràdh ri neach air an robh an fhearas-mhòr.

BainnseanDeasaich

Bhiodh còmhlain bainnse à Achadh Muthaich a' coiseachd on bhaile gu ruige Cill Fheichin le fìdhlear air an ceann. Bhite a' gabhail drama is a' dannsadh le sogan orra fad an slighe chun na h-eaglaise.