Is dòcha gu bheil thu a' lorg Eaglais Fheichin (Ecclefechan)

Eaglais ann an Cill Fheichin

'S e baile-beag ann an Aonghas a th' ann an Cill Fheichin (Beurla: St Vigeans). Tha e a-nis mar phàirt de chrìochan Obar Bhrothaig, agus e suidhichte ri taobh Allt Brothaig. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 34′ 36.61″ Tuath agus 2° 35′ 23.17″ Iar.

Eachdraidh

deasaich

Thathar ag ràdh gu bheil freumhan Chill Fheichin a' buntainn ri manachainn Cheilteach a chaidh a stèidheachadh o chionn mu 1200 bliadhna. Ann an 1178, thug Rìgh Uilleam I (Uilleam an Leòmhann) an eaglais seo mar shaor-thìodhlac don abaid ùr a stèidhich e ann an Obar Bhrothaig.

An toiseach, bha paraiste Chill Fheichin a' gabhail a-steach crìochan fearainn a tha a-nis mar phàirt de bhaile Obar Bhrothaig agus den bhaile bheag iasgaich Achadh Muthaich mu 1.5 mìle air falbh. Bhiodh daoine a' tighinn a Chill Fheichinn o fad is farsaing gus a bhith air am baisteadh,air am pòsadh is air an adhlacadh ann.

Mar eisimpleir, bhiodh còmhlain bainnse a' coiseachd o Achadh Muthaich gu ruige Cill Fheichin le fìdhlear air an ceann. Air a chùlaibh, thigeadh bean-phòsta a' dannsadh air thoiseach air bean is fear na bainnse. Bhiodh na còmhlain bainnse o Achadh Muthaich a' stad gu tric airson dannsa is drama a ghabhail rè an slighe, mar sin, bhiodh deagh-chèabhar orra mun àm a ruigeadh iad eaglais Chill Fheichin.

Beul-aithris

Gheibhear seann-sgeul mu each-uisge a bha a' cuideachadh le togail na h-eaglaise aig Cill Fheichin. Theirear gur dòcha gun tig an t-each-uisge air ais mura bheil daoine modhail gu leòr.

Iomraidhean

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NO 638 429