Artagail taghta
Tutanmhamun:
aghaidh òir

Bha Tutankhamun 'na phàraoh ann an 18mh rìoghrachas na h-Èipheit. Bha e a’ riaghladh mu thuaiream eadar 1332 agus 1323 RC rè linn ann an eachdraidh na h-Èipheit air a bheil an Rìoghachd Ùr (no Linn na h-Impireachd Ùr uaireannan). On a chaidh a lorg, canar Rìgh Tut ris gu tric. Bha ainm tùsail, Tutankhaten, a’ ciallachadh "dealbh beò Aten agus tha Tutankhamun a’ ciallachadh "dealbh beò Amun". Ann an dealbh-sgrìobhadh na h-Èipheite, sgrìobhar ainm mar Amen-tut-ankh a ghnàth an cois gnàthas an luchd-sgrìobhaidh a chuireadh ainm dè aig toiseach abairt mar urram dhan dia. Dh'fhaoidte gur esan an neach air a bheil Nibhurrereya ann an litrichean Amarna agus tha deagh-choltas gur esan Rìgh Rathotis 18mh rìoghrachas na h-Èipheit a bha a’ riaghlaidh, a-rèir an eachdraidhe Manetho, fad naoidh bliadhna, faid a tha a-rèir an tionndaidh dhen Epitome aig Manetho a sgrìobh Flavius Josephus.

Chaidh tuama Tutankhamun a lorg le Howard Carter agus Iarla Chaernarfon ann an 1922 agus leis gun robh e cha mhòr gun mhilleadh, ’s e naidheachd mhòr a bha ann air feadh an t-saoghail. Dhùisg e ùidh am measg nan daoine san Èipheit àrsaidh a-rithist agus tha aghaidh-choimheach Tutankhamun (ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Èipheit) ainmeil air feadh an t-saoghail fhathast. Chaidh buill-ealain às an tuam a thaisbeanadh dhan phoball air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean. Chaidh rannsachadh DNA a dhèanamh air agus sheall an rannsachadh sa Ghearran 2010 gur esan mac Akhenaten (mumaidh KV55). Bu mhumaidh KV35YL (is chan eil fhios dè an t-ainm a bha oirre) an dà chuid piuthair agus bean Akhenaten. A dh’aindeoin sin, tha cinnt gur ise am mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Òg a chaidh a lorg san tuama KV35. A chionn ’s gun do chaochail grunnan dhe na daoine a rannsaich tuama Tutankhamun air dòigh caran "annasach", tha cuid am measg an t-sluaigh dhen bheachd gun do chaochail iad ri linn mallachd nam phàraoh. ...leugh an corr


A bheil fios agaibh?

B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 18984 Ògmhios 1934).

B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh.

Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr


Dè tha dol?

Duilleagan ùra: Lorem ipsum, Loch Michigan, Jeroen Krabbé, Famke Janssen, Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, Carel Struycken, Leiderdorp, Carice van Houten, Deventer, Zwolle, Lelystad, Almere, Gerard ter Borch, Rika Hopper, Assen, Pàpa Hadrianus VI, Eddie van Halen, Nijmegen, Sneek, 's-Hertogenbosch, Sir Ailean Camshron, Hieronymus Bosch, Mata Hari, Sgarbh, Ramses Shaffy, Eoraifíse , Sandra van Nieuwland, Pieter Brueghel Mòr, Na Lochlannaich, Leabhar, Genolier, Tolochenaz, Stèisean Chala na Creige, Stèisean Obar Dheathain‎, Wilmette, Pàpa Clemens XII, Coinneach MacLeòid, Pàpa Beinidict XIV, Dòmhnall MacAmhlaigh, Pàpa Clemens XIII, Santarcangelo di Romagna, Co-bhualadair Mòr Hadron, Salvador Puig i Antich, Jim Davidson, Nàdar, ‎Arthur Koestler, Calpachas‎, Àrd-sgoil a' Phluic .....