Nijmegen
Nijmegen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Gelderland | ||||
Co-chomharran | 51° 49 30' Tuath 05° 51 20' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 57.53 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 165,253 (2012) | ||||
Dlùths | 2,872.47/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 024[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente), air an àirde an ear nan Tìrean Ìsle, faisg air na Crìochan leis A' Ghearmailt a th' ann an Nijmegen (IPA: nɛi̯.ˌmeː.ɣə(n), Fraingis: Nimègue, Frysk: Nymwegen, Laideann: Ulpia Noviomagus Batavorum, Spàinntis: Nimega). Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Waal, 25m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: provincie) Gelderland, 89km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 96km bho Rotterdam, 109km bho Den Haag, 58km bho Utrecht, 80km bho Bhreda agus 52km bho Eindhoven.[3] Chaidh Nijmegen a stèidheachadh ann an 5 anno domini leis na Romanaich mar daingneach air na crìoch agus aca agus thug Trajan an t-ainm Noviomagus air ann an 104. Fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1247. ‘S ann à magh (Ceilteach: magos) agus nuadh (Ceilteach: novio) a th’ann an t-ainm. Tha 165,253 duine a' fuireach ann.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an deicheamh baile as motha na dùthcha a th’ann an Nijmegen.[5]
Daoine Ainmeil
deasaich- Eddie van Halen (1955): Ceòladair.
- Daphne Deckers (1968): Modal.