'S e àrd-sgoil le 290 de sgoilearan a th' ann an Àrd-sgoil a' Phluic anns a' Phloc ann an Albainn. Tha na sgoilearan a' tighinn bho fad is farsainn bhon Chomraich san àird a tuath gu Gleann Eilg san àird a deas.[1]

Bho dh'fhosgail Drochaid an Eilein tha barrachd is barrachd a' tighinn bho cheann a deas an Eilein Sgitheanaich a bhiodh roimhe seo a' dol gu Àrd-sgoil Phort Righ. Tha ostail bheag aig an sgoil airson sgoilearan a tha a' tighinn bho fad air falbh - gu h-àraid an fheadhainn a tha a' dol gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd.

Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd

deasaich

Bho thòisich i sa bhliadhna 2000, tha Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd air a bhith suidhichte aig Àrd-sgoil a' Phluic. 'S e seo an aon sgoil nàiseanta ann an Albainn airson ciùil traidiseanta. Faodaidh sgoilear sam bith bho air feadh Albainn iarratas a chur a-steach. Bidh a' mhòrchuid aca a' fuireach san ostail.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Schools - Plockton High School”. Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2018.
  2. Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd”. Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2018.