Stèisean Obar Dheathain
'S e Stèisean Obar Dheathain (Beurla: Aberdeen railway station) am prìomh stèisean-rèile ann an Obar Dheathain. Tha dà shlighe a-steach agus còig àrd-chabhsairean ann.
Obar Dheathain | ||
---|---|---|
Beurla: Aberdeen | ||
Suidheachadh | ||
Suidheachadh | Obar Dheathain | |
Ùghdarras ionadail | Comhairle Baile Obar Dheathain | |
Obrachaidhean | ||
Còd Stèisean | ABD | |
Sealbhadair | Rèile na h-Alba | |
Àrd-ùrlaran | 5 | |
Àireamhan Taistealach | ||
2009-10 | 2.657 millean | |
2010-11 | 2.964 millean | |
2011-12 | 3.170 millean |
Eachdraidh
deasaichChaidh fosgail air a'chiad steisean ann an Obar Dheathain aig Ferry Hill air 1d Ghiblein ann an 1851. Da bhliadhna as deidh sin chaidh sìneadh air an rathad-iarainn (o deas) gu Guild Street. Ann an 1854 chaidh fhosgail air a' chiad earran den Great North of Scotland Railway eadar Kittybrewster (Obar Dheathain) agus Hùnndaidh. Ann an 1856, as deidh togail rathad iarainn sìos amar Canail Inbhir Uaraidh gu Cala Obar Dheathain fhosgail An Great North of Scotland Railway stèisean Aberdeen Waterloo, air laimrigean iar-thuath a chala. Ged a bha ùtraidean air na laimrigean eadar seo agus Guild Street cha robh aig trèanaichean luchd- shiubhal ruith eadar an da stèisean cheann-uidhe. Cha deach fuasgladh air an duilgheadas seo mus 1867 nuair a chaidh fhosgail air rathad-iarainn altachaidh tro Gleann an Denburn gu gobhal leis a' Ghreat North aig Kittybrewster. Stèidheachadh Stèisean Altachaidh (Joint Station) air an loidhne seo, far a bheil Stèisean Obar Dheathain chun latha an diugh.
Seirbheisean
deasaichTha seirbheisean ag obrachadh le Rèile na h-Alba. Tha seirbheisean ann bho Obar Dheathain gu Dùn Èideann, Glaschu agus Inbhir Nis.
Tha ScotRail ag obrachadh an Caledonian Sleeper gu London Euston gach là cuideachd. Tha Virgin Trains East Coast ag obrachadh seirbheisean gu London Kings Cross.
Stèisean roimhe | National Rail | an ath stèisean | ||
---|---|---|---|---|
Stonehaven | CrossCountry CrossCountry |
Crìoch | ||
Port Leathain | Rèile na h-Alba Loidhne Dùn Èideann gu Obar Dheathain |
Crìoch | ||
Port Leathain | Rèile na h-Alba Loidhne Glaschu gu Obar Dheathain |
Crìoch | ||
Crìoch | Rèile na h-Alba Loidhne Obar Dheathain gu Inbhir Nis |
Deis | ||
Stonehaven | Rèile na h-Alba Caledonian Sleeper |
Crìoch | ||
Stonehaven | East Coast Prìomh Loidhne |
Crìoch |