Gorseinon

deasaich

Tha am baile Gorseinon (Beurla: [gɔː'saɪnən] Cuimris: [gɔr'seɪnɔn]) faisg air Abertawe ann an ceann a deas na Cuimrigh. B' e clachan beag a bh' ann ron 19mh Linn nuair a thug an Tionndadh Gnìomhachais mèinnearachd ghuail agus phlàta-staoine chun bhaile.[1] A rèir Oifis na Stadastaig Nàiseanta, 's ann aig sgìre bhailteil Ghorseinon an cois a tha na bailtean beaga eile d' ainmean Pentre'r Ardd (Beurla: Garden Village), Casllwchwr (Beurla: Loughor), agus Penllergaer (gun ainm Beurla).[2] Mar sin, bha 20,581 daoine a' fuireach ann an sgìre bhailteil Ghorseinon ann an 2011, agus bha Cuimris aig 29.14% dhiubh, nuair a chaidh àireamhan-sluaigh a chruinneachadh airson a' Chunntas-Shluaigh Nàiseanta Shasainn agus na Cuimrigh.[3]

Tìr-eòlas

deasaich

Tha abhainn Lliw (a tha a' ciallachadh 'dath' anns a' Chuimris) a' ruith tro Ghorseinon. Tha am baile faisg air Linne Llwchwr, chun a' bheil Lliw a' ruigsinn. 'S e an crìoch eadar Siorrachd Chaerfyrddin (Cuimris: Sir Gaerfyrddin no Sir Gâr; Beurla: Carmartheshire) agus Siorrachd Abertawe a th' ann an Linne Llwchwr. Mar sin dheth, tha Gorseinon air crìoch taobh an iar na siorrachd eachdraidheil d' ainm Morgannwg (Beurla: Glamorgan).

Còmhdhail

deasaich

A thaobh chòmhdhail, tha Gorseinon mu leathach eadar Abertawe agus Llanelli, mar sin tha torr slighean bhusaichean a tha a' ruith dhan dà bhaile. Tha stèisean bhusaichean beag ann am meadhan a' bhaile. Tha Gorseinon air an rathad-mòr A484 cuideachd, a tha a' coinneachadh Abertawe agus Llanelli. Tha Gorseinon faisg air slighe a-mach àireamh 47 dhen mhotar-rathad M4, a tha a' tòiseachadh ann an Lunnainn, agus a tha a' ruith tro bhailtean-mhòra leithid Bristol agus Caerdydd. Ged a tha loidhne-rèile a' dol seach Gorseinon, chan eil stèisean thrèanaichean ann. 'S ann ann an Tre-gŵyr a tha an stèisean ionadail as fhaisge, ach 's ann am meadhan Abertawe fhèin a tha an stèisean mòr as fhaisge bhon a' bheil trèanaichean gu Caerdydd agus Lunnainn a' fàgail.[4]

Foghlam

deasaich

Chan eil ach aon àrd-sgoil anns an sgìre; 's e Pen-yr-heol an t-ainm a th' oirre. 'S e àrd-sgoil tro mheadhan na Beurla a th' innte, ach tha àrd-sgoil Chuimris ann an Tre-gŵyr, d' ainm Ysgol Gyfun Gŵyr. A thaobh bhun-sgoiltean, tha còig bun-sgoiltean Beurla ann, agus aon bhun-sgoil Chuimris.[5] Tha àrainn aig colaiste Gower College Swansea ann an Gorseinon, a tha a' solarachadh iomadh chùrsa fhoghaim adhartaich.[6] 'S ann an Abertawe a tha an t-oilthigh as fhaisge, Oilthigh Abertawe (Beurla: Swansea University).

Riaghaltas

deasaich

Tha comhairle a' bhaile aig Gorseinon,[7] ged a tha e ann an ùghdarras ionadail Abertawe. Tha Gorseinon ann an roinn-taghaidh Gŵyr (Beurla: Gower) a thaobh pàrlamaidean na Cuimrigh agus na Rìoghachd Aonaichte.[8] Ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa, 's ann ann an roinn-taghaidh na Cuimrigh a tha am baile.[9]

  1. ⁊ Gorseinon Town Council“The Industrial Revolution in Tir Y Brenin (Gorseinon)(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  2. Gorseinon urban area(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  3. Nomis(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  4. Stations in Wales(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  5. Swansea schools(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  6. Gower College Swansea, Gorseinon campus(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  7. Gorseinon Town Council(Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  8. Ordnance Survey Election Maps”. Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
  9. Your Members in the European Parliament”. Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.