Toledo
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Toledo
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 15,370 km²
Àireamh-shluaigh 707,242 (2014)
Dlùths 46.01/km²
Àireamh fòn + (925)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Toledo (IPA: toˈleðo). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Toledo a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Toledo fad 15,370km²[3] agus tha 707,242 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 22mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Badajoz, Cáceres, Ciudad Real, Cuenca agus Madrid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

B' e Livius a sgrìobh an t'ainm airson a' chiad turais mar Toletum.[6] Bheiereadh sin Toletum → Tollitum, → Tollitu → Tollito, → Tolleto → Tolledo → Toledo. Tha e coltach gur ann à ̺tholius (Gàidhlig: cuach-mhullach) ann an Laideann, Chaidh sin arabachadh gu طليطلة (Tulaytulah) agus iùdhachadh gu טולדות (Toldoth). Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Livius