Gaillimh
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Cúige Chonnacht
Sgìre Contae na Gaillimhe
Co-chomharran 53° 16 00' Tuath
00° 03 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 79,934 (2016)
Àireamh fòn + 353 091
Duilleag oifigeil Comhairle na Cathrach

'S e baile mòr (Gaeilge: Cathair na Gaillimhe) agus port cudromach air an àirde an iar Chontae na Gaillimhe, sa Chúige Chonnacht, Èirinn a th'ann an Gaillimh neo Cathair na Gaillimhe.[1] A bharrachd air sin ‘s e am baile as motha agus prìomh-bhaile na roinne a th’ann cuideachd. Tha Gaillimh suidhichte 157km air falbh bho Chorcaigh, 223km bho Dhoire agus 186km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1124 leis an Rìgh Toirdhealbhach Mór Ó Conchobhair (Seann Ghàidhlig: Tairrdelbach Ua Conchobair) air Inbhir Abhainn na Gaillimhe,[3] faisg air Loch Coirib,[4] fon ainm Dún Bhun na Gaillimhe. ‘S e an treas baile as motha na Poblachd[5] agus an ceithreamh baile as motha na h-Èireann air fad a th’ann an Gaillimh co-dhiù. Fhuair am baile am far-ainm aige, Baile nan Treubh (Gaeilge: Cathair na dTreabh), ri linn nan Normanach o chionns gum beireadh 14 teaghlach malartach buaidh làidir air Gaillimh fad iomadh linn gus a lagaich Oliver Cromwell an cuid chumhachd.[6]

Iomraidhean

deasaich
  1. Logainm
  2. Global Feed
  3. Irish White Water
  4. Loch Coirib Charts
  5. City Population
  6. RTÉ

Ceanglaichean a-mach

deasaich