Castilleja de la Cuesta
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Sevilla
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 37° 23' 11 Tuath
06° 03' 06 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2.1 km²
Àireamh-shluaigh 17,516 (2020)
Dlùths 8,340.95/km²
Àireamh fòn 955
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile meadhannach faisg air Sevilla ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann an Castilleja de la Cuesta (IPA: anˈduxaɾ). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Guadalquivir (IPA: ɡwaðalkiˈβiɾ), 96m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Sevilla, dìreach 10km air falbh bho Shevilla fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus Rianachd a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 17,516 duine a' fuireach ann.[1]

Freumahn an Ainm

deasaich

Tha a h-uile coltas ann gur ann às an fhacal Laideann castrum (Gàidhlig: caisteal) 's a tha an t-ainm. Nuair a thug na Crìostaidhean os làimh na sgìre ann an 1248, chuireadh Alixar air fad iomadh bliadhna ach nochd an t-aimn armailteach a-rithist mar Castalla.

Eachdraidh

deasaich

Chaochail an ceannsaiche Hernán Cortés an seo ann an 1547, ann an lùchairt air a bheil Palacio de Hernán Cortés an latha an-diugh.[2] Thug an Dìuc Mhontpensier seilbh air an lùchairt ann an 1855 agus b' ann le buidheann dhe mnathan-cràbhaidh à Èirinn 's a bha an toglach fad bliadhnaichean.

Àireamh-sluaigh

deasaich

Cha b' e ach baile beag dùthchail 's a bh' ann Castilleja de la Cuesta aig toiseach-toisichidh na 20mh Linn, ach, nean air mhean, tha e air a bhith a' fàs nas motha agus nas motha:

1900 1910 1920 1930 1940 1950 1960 1970 1981 1991 2000 2004 2007 2015
1,890 2,065 2,137 2,964 3,248 3,374 4,359 4,994 11,938 15,205 16,059 16,791 17,034 17,459

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. INE
  2. Crowe, John A. The Epic of Latin America. Los Angeles, California: University of California Press, 1992.
  3. El Confidencial