Stìomrabhagh
’S e baile tréigte a tha ann an Stìomrabhadh, ann an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas, air taobh a tuath Loch Sealg, aig NB346115, 2km iar air Orasaigh. Bha uaireigin mu 200 daoine a’ tàbh ann, agus tha na tobhtaichean ri’m faicinn fhathast.
Ann an 1843 chaidh na daoine a fhuadach às na bailtean Orasaigh agus Leumrabhadh gus àite fhàgail do chaoraich air Oidhreachd na Pàirce. Cha deach Stìomrabhadh a fhuadach aig an àm sin, ach chaidh a ghearradh dheth seach nach robh daoine eile faisg. Ann an 1857 ri linn leudachaidh ùir air àireamh nan caorach, chaidh na croitearan a fhuadach bho Stìomrabhagh gu Leumrabhadh. B’ e sin am fuadach mu dheireadh air Oidhreachd na Pàirce. Às déidh a’ Chogaidh Mhóir chaidh cuid de shliochd nan daoine a chaidh am fuadach air ais dhan bhaile agus bha iad a’ fuireach ann fad fichead bliadhna. Ach cha d’fhuair iad rathad no taic sam bith bho na h-ùghdarrasan, agus mu dheireadh b’fheudar dhaibh falbh ann an 1940, aig àm an Dàrna Cogaidh.
Faic cuideachd
deasaich- Calum MacMhaoilein a sgrìobh pìos ann an Gairm àireamh 159, 1992 (Samhradh) td 226, Eachdraidh baile Stìomrabhagh ann an ceann a deas nan Loch an Leòdhas agus aithris mu thuras a ghabh Comann Eachdraidh na Pàirc dhan àite.
- Creach Mòr na Pàirce
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BBC Naidheachdan 2016-12-28: Còrr is 70 bliadhna bho dh'fhag an sluagh mu dheireadh Stìomrabhagh (aithris-bhideo 2:03)
- Ar Dìleab: bhideothan (Stìomrabhadh: Eachdraidh 1920-1940 - bhideo 1:16)
- Léirmheas air an leabhar Life on the Edge:Growing up in Steimreway - anns Na Duilleagan Gàidhlig, 2013, An Gearran
- ScotsRootsResearch: Steimreway (Beurla)