Cáceres
Cáceres
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Cáceres | ||||
Sgìre | Extremadura | ||||
Co-chomharran | 39° 29' Tuath 06° 22' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,750.33 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 93,131 (2009) | ||||
Dlùths | 53.21/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 927 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile mòr air an àirde an iar na Spàinne a th’ ann Cáceres (IPA: kaθeɾes, Estremeñu: Caçris). Chaidh e a stèidheachadh mu 79 Ro Chrìosd le Quintus Caecilius Metellus Pius.[1] Tha Cáceres suidhichte shuas air a' chòmhnard àrd ann an Extremadura ris an canar Llanos de Cáceres,[2] aig 403m os cionn ìre na mara,[3] faisg air an Abhainn Guadiloba.[4] Tha Cáceres 241km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 743km bho Bharcelona.[5] Tha 93,131 daoine a’ fuireach ann an Cáceres,[6] an darna baile as motha ann an Extremadura agus an 72mh baile na Spàinne.[7] Chaidh e ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO ann ann 1986.[8] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cáceres a th’ann Cáceres cuideachd.
Freumhan an ainm
deasaichTha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à castrum/castris (Gàidhlig: campa) ann an Laideann a tha an t-ainm, o chionn's gu robh camp an airm ann fo na Ròmanaich. 'S e facal a tha co'dhàimheil le caer sa Chuimris agus cathair sa Ghàidhlig. Tha cuid eile a' cumail gur ann à Caesaria (Gàidhlig: Áite a' Cheusair). Thathar dhen bheachd gu robh bailtean air an robh Colonia Norbensis Caesarina agus Castra Caecilia faisg air làimh. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach facal air Choireigin ann an Laideann air arabachadh gu Cazires.
Eachdraidh
deasaichMar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9]
Lùchairtean
deasaich- Lùchairt na Golfines Shuas
- Lùchairt na Golfines Shìos
- Lùchairt Comendador de Alcuescar
- Lùchairt- Daingneach na Torreorgaz
- Lùchairt Easbaigeach
- Lùchairt Carvajal (15mh Linn)
- Lùchairt Godoy
- Lùchairt Mayoralgo
- Taigh Mòr na Sande
- Lùchairt na Veletas
- Lùchairt Cáceres-Ovando
- Taigh a’ Mhoncaidh
- Lùchairt Toledo-Moctezuma
- Taigh na Grèine
- Taigh Mudejar
- Taigh na Carvajal y Ulloa
Eaglaisean
deasaich- Eaglais agus Taigh Cràbhach an Naoimh Phòl (15mh Linn)
- Taigh Cràbhach a’ Chomainn Iosaid, nòs Barroque
- Eaglais Mhòire, (13mh Linn), nòs Gotach
- Eaglais an Naoimh Mhata, (15mh Linn)
- Eaglais an Naoimh Francisco Javier (18mh Linn), nòs Gotach
- Eaglais an Naoimh Iain (13mh linn gu ruige 15mh linn
- Dìthreabh an Naoimh Antoine
- Eaglais Santo Domingo
- Dìthreabh na Sìthe
- Eaglais an Sheumais