Buga
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Valle del Cauca
Àirde 969m
Co-chomharran 03° 54′ Tuath
76° 18′ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 832 km²
Àireamh-shluaigh 116,893 (2005)
Dlùths 140.5/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bhuga

'S e baile meadhanach ann am Valle del Cauca (Roinn), ann an Coloimbia[1] a th' ann am Buga neo Guadalajara de Buga. Tha e suidhichte aig àirde dhe 969m os cionn ìre na mara 67km air falbh bho Chali, prìomh-bhaile na roinne, agus 445km bho Bhogotá. 'S e Buga an 44mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a steidheachahd ann an 1555.

Freumhan an Ainm

deasaich

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali.[3] Mar sin, fhuair am baile an t-ainm Guadalajara bhon a' bhaile leis an aon ainm ann An Spàinn. 'S ann às an ainm Arabais 'wād al-ḥaŷara (واد الحجرة neo وادي الحجرة) a tha Guadalajara agus tha e a' ciallachadh Abhainn na Clachan. Tha na h-ùghdarrsan a'creidsinn gur e ainm Tùsanach a th'ann an eilimeid Buga, oir bha tuathan Carib nan tàmh an seo ro ruigheachd nan Spàinnteach. A bharrachd air sin, tha tòrr àite ris an canar Buga ri fhaicinn air feadh A' Chairibìan.[4]

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 116,893 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,000 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Buga. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.1% agus tha 8.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 93.9% dhe na daoine ann an Buga leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 63.5% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Buga. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

deasaich

Manuel Antonio Sanclemente: Ceann-Suidhe na dùthcha eadar 1898 agus 1900.

Eliseo Payán: Ceann-Suidhe na dùthcha ann an 1887.

Bailtean Ceangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Toponimia
  4. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann am Buga

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: