'S e cànan Innd-Eòrpach a tha ann an Seacais.[1][2] 'S e cànan oifigeil na Seic a th' ann, ach tha e ga bruidhinn ann an dùthchannan eile air feadh an t-saoghail.

Seacais (čeština)
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

mu 12 muillean

Reangach 66mh
Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil An t-Seic

An t-Aonadh Eòrpach

Còdan Cànan
ISO 639-1 cs
ISO 639-2 cze (B), ces (T)
ISO 639-3 ces [1]

An cànan

deasaich

Dh'fhàs an Seacais bho chànan a thoirt na cinnidhean Seicich còmhla, nuair a thàinig iad don dùthaich anns an chòigeamh agus siathamh Linn, agus tha na ciad chuimhneachain sgrìobhte againn bhon dàrna linn deug. Is e cànan Innd-Eòrpach, Slàbhach a tha innte. Tha i nas coltaiche ri an t-Slòbhacais na tha i ri cànanan eile, agus o chionn ’s gun robh na Seicich agus na Slòbhacaich a' fuireach anns an aon stàit fad a’ mhòrchuid den fhicheadamh Linn, tha iad a’ tuigsinn a chèile glè mhath. Tha Seacais an Ear, mar a tha daoine ga bruidhinn anns na crìochan faisg air an t-Slòbhac cha mhòr nas coltaiche ris an t-Slòbhacais na tha i ri an t-Seacais oifigeil. ’S e an aon rud a thaobh Seacais san earr-thuath faisg air crìoch na Pòlainn a tha coltach ris a’ Phòlais.

Is e sin an cànan oifigeil anns an t-Seic. Tha mu dheich muillean duine ga bruidhinn san t-Seic, agus dà mhuillean eile thall thairis, a’ chuid as motha san Ostair, oir bha an dùthaich fad trì Linntean na pàirt dhen Ìompaireachd Ostaireach (no Ostaireach-Ungaireach); san t-Slòbhac, Na Stàitean Aonaichte, A' Ghearmailt, Astràilia agus Canada. B’ iad sin na dùthchannan dhan robh daoine a’ dol an tòir obrach no a’ teicheadh aig àm an Dàrna Chogaidh agus nuair a bha an dùthaich fo smachd an Aonadh Sobhiat.

Sgrìobhadairean

deasaich

Aibidil

deasaich

Bha an aibidil Seacais air a dhèanamh le Naoimh Cyril agus Naoimh Methodius, dà mhiseanaraidh Ghreugach a thàinig don dùthaich anns an naoidheamh linn. Anns an còigeamh linn deug, thòisich an sagart Jan Hus an stràc gheur ( ´ ) a chleachdadh agus an háček (no caron, ˇ ) cuideachd. Bhon siathamh linn deug, tha an cearcall ga chleachdadh cuideachd os cionn u ( ů ). Tha an aibidil an-diugh a' ruith mar seo: A, B, C, Č, D, Ď, E, F, G, H, CH, I, J, K, L, M, N, Ň, O, P, Q, R, Ř, S, Š, T, Ť, U, V, W, X, Y, Z, Ž. Am bitheantas, chan eil fuaimneachadh na litreach ag atharrachadh - tha dìreach aon fhuaimneachadh aig gach litir.

Connragan

deasaich

'S iad na connragan Sheacais: b /b/, c /ts/, č /tʃ/, d /d/, ď /ɟ/, f /f/, g /g/, h /ɦ/, ch /x/, j /j/, k /k/, l /l/, m /m/, n /n/, ň /ɲ/, p /p/, q /kv/, r /r/, ř /r̝/, s /s/, š /ʃ/, t /t/, ť /c/, v /v/, w /v/, x /ks/, z /z/ agus ž /ʒ/.

Nuair a tha tè de na connragan b, d, g, h, v agus z na litir mu dheireadh dhen fhacal, tha i ga fuaimneachadh /p/, /t/, /k/, /x/, /f/ agus /s/. Tha e coltach, mar eisimpleir, ri b ann am bàta agus ann an lùb sa Ghàidhlig.

Chan eil Seacais ag atharrachadh connrag le cur litir eile rithe (mar s + h = sh) ach leis an háček ( ˇ ), no caron (s + ˇ = š). Is e an aon chonadal a tha ann ch - ge-tà, tha Seacais ga tuigsinn mar aon litir agus tha e anns an aibidil eadar h agus i (seachad air eadar cg agus ci).

Chan eil an connrag ř a' nochdadh ann an cànan sam bith eile. Tha i rud beag coltach ri r mar a tha i a' fuaimneachadh ann an ceart sa Ghàidhlig, ach tha e gu mòr nas dèine. Seo am fuaim san fhacal řeka (abhainn):

Fuaimreagan

deasaich

'S iad na fuaimreagan Sheacais: a /a/, e /ɛ/, i /i/ or /ɪ/, o /o/, u /ʊ/ agus y /i/ or /ɪ/. Nuair a thathar a' fuaimneachadh iad gu fada, cuirear sràc gheur os an cionn: á, é, í, ó, ú (ů mur e an u a' chiad litir dhen fhacal) agus ý. Thathar a' fuaimneachadh i agus y an aon dòigh (tha an dòigh ag atharrachadh a-rèir blais): am bitheantas, sgrìobhar i an dèidh c, č, ď, j, ň, ř, š, ť, ž; y an dèidh d, h, ch, k, n,r, t; agus sgrìobhar i no y an dèidh b, f, l, m, p, s, v, z a-rèir tradaisein.

Abairtean feumail

deasaich
 
Karel Čapek (air an làimh cheart) - anns an leabhar aige R.U.R., chleachd an sgrìobhadair am facal robot air thoiseach. Dh'innlich a bhràthair Josef e bhon fhacal "robota" (obair) agus 's e facal eadar-nàiseanta an-diugh.
Gàidhlig Seacais Notaichean
Latha math! Dobrý den! Foirmeil.
Halò!

Tìoraidh!

Ahoj!

Čau!

Nazdar!

Tha na h-abairtean neo-fhoirmeil seo gan cleachdadh an dà chuid nuair a tha daoine a' tachairt ri chèile agus nuair a tha iad a' dealachadh.
Madainn mhath!

Feasgar math!

Oidhche mhath!

Dobré ráno!

Dobrý večer!

Dobrou noc!

'S mise ... à / às ... Já jsem ... z ...

Jmenuji se ... a jsem z ...

Ciamar a tha sibh / thu?

Tha gu math, tapadh leibh / leat.

Jak se máte / máš?


Děkuji, dobře.

Ma 's e ur toil le.

Ma 's e do thoil le.

Prosím. Ga cleachdadh cuideachd nuair a tha duine a' toirt rudeigin gu duine eile (mar "Here you are" sa Bheurla).
B' àill leibh / leat? Prosím?
Tapadh leibh.

Tapadh leibh / leat.

Taing!

Děkuji vám.

Děkuji.

Díky!

Foirmeil.


Neo-fhoirmeil.

Gabhaibh mo leisgeul.

Gabh mo leisgeul.

Tha mi duilich.

Promiňte.

Promiň.

Je mi líto.

Chan eil Seacais / Gàidhlig agam. Neumím česky / gaelsky.
Slàinte! Na zdraví!
Fortan leibh / leat! Hodně štěstí!
Bha e math tachairt ruibh! Rád jsem vás poznal!
Beannachd leibh! Na shledanou! Foirmeil.
Le meas, ...

Le dùrachd, ...

S pozdravem, ...

Měj se, ...

Foirmeil.

Neo-fhoirmeil.

Iomraidhean

deasaich
  1. Cànanan aig SMO
  2. Am Faclair Beag

Ceanglaichean eile

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: