Is e cànan a tha anns an t-Sòrbais Uachdarach (hornjoserbšćina, Beurla: Upper Sorbian). Buinnidh i don gheug Slàbhach den teaghlach Innd-Eòrpach. Tha an t-Sòrbais Uachdarach dlùth-chàirdeach don t-Sòrbais Ìochdarach, agus tha i faisg cuideachd air an t-Seacais, air an t-Slòbhacais agus air a’ Phòlais. Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig an t-Sòrbais Uachdarach mar mhion-chànain. [2]

Sòrbais Uachdarach
(Hornjoserbšćina )
Fuaimneachadh [ˈhɔrnjɔˌsɛrbʃtʃina]
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

mu 13,300 [1]

Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 chan eil gin
ISO 639-2 hsb
ISO 639-3 hsb

Tha an t-Sòrbais Uachdarach ga bruidhinn ann an Sagsainn, gu h-àraid eadar Bautzen (Budyšin), Kamenz (Kamjenc) agus Hoyerswerda (Wojerecy). Tha mu 13,300 duine a’ cleachdadh Sòrbais Uachdarach mar phrìomh-chànan.

'S e cànan leasaichte a th' innte: tha briathrachas gràmair slàn aice agus chaidh briathrachas teicneolais, ealain no matamataigs a leasachadh agus gabhaidh fiù 's fiosaigs neo ceimig tro mheadhan na Sòrbais teagasg. Thairis air na linntean bha dà chanan Sòrbais Uachdarach ann: tè Uachdarach Chaitligeach agus tè Uachdarach Phròstanach ach bha an dà chànan co-leaghta na b'anmoiche. A bharrachd air sin bha agus tha buaidh làidir aig a' chreideamh air fèin-aithne nan Sòrbach. Thachair e mar eisimpleir gus às dèidh an darna cogaidh, nach do phòs na Sòrbaich Chaitligeach ach ri chèile.

'S e teis-meadhan beatha cultarach a’ chànain seo a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. Chìthear sanas-rathaid dà chànanach air feadh a' bhaile.

Eisimpleir deasaich

Seo eisimpleir le Sòrbais Uachdarach agus Gàidhlig:

Sòrbais Uachdarach Gàidhlig
Dobry dźeń! Latha math
(Madainn mhath, Feasgar math)
Dołho so njesmój widźałoj!
Kak so tebi wjedźe?
Chan fhaca mi thu airson greis.
Ciamar a tha thu?
Jara derje!
A kak so tebi wjedźe?
Glè mhath.
Agus ciamar a tha thu fhèin?
Dźe tak.
Sym so nazymnił(a).1
Chan eil dona.
Tha an cnatan orm.
Dźens pak su tu wjele ludźi! Tha mòran a’ dol an-seo.2
Chcemoj zhromadnje kofej pić? 3 An tèid sinn a dh’òl cupa cofaidh còmhla?
Haj, to činimoj! 3 Thèid, nì sinn sin.
  • 1 "a" ma bhios boireannach a' bruidhinn
  • 2 facal air fhacal: Ach tha mòran daoine an seo an-diugh.
  • 3 ma bhios dithis a' bruidhinn
 
Bioball ann an Sòrbais Uachdarach

Iomradh deasaich

  1. Ethnologue
  2. European Charter for Regional or Minority Languages

Faic cuideachd deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: