Björn Jónsson
B' e neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann am Björn Jónsson.[1] Rugadh e air 8 an Dàmhair 1846 ann an croit air a bheil Djúpidalur (Vestfirðir). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1878 agus bha e na labhraiche ann an 1909. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1909 gu ruige 1911 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Phòs e aig Elísabet Guðný Sveinsdóttir ann an 1874 agus fhuair iad ceathrar duine cloinne còmhla.[2] Rinn e aon rud fa leth cudromach fhad 's a bha e os cionn an riaghaltais: Achd Toirmeasg Dighe-làidir, a mhair gu ruige 1934. Dheasaicheadh e iomadh pàipear-naidheachd fad bliadhnaichean: Skírnir (1873 – 1874), Ísafold (1874 – 1909), Alþingistíðindi (1879 agus 1883 – 1895), Iðunn (1884 – 1889), Þingvallafundartíðindi (1888), Heimilisblaðið (1894 – 1896), Sunnanfari (1900 – 1903), Magni (1912). Bu cho dlùth an dàimh a bh' ann eadar Jónsson agus pàipear-naidheachd Ísafold gun cuireadh na far-ainmean Björn í Ísafold agus Ísafoldar-Björn airsan.[3] B' e a mhac Sveinn Björnsson a bh' ann a' chiad cheann-suidhe na dùthcha ann an 1944, nuair a ghabh Innis Tìle leis a' Phoblachd. Chaochail Jónsson ann an Reykjavík air 24 an t-Samhain 1912.[4]
Björn Jónsson | |||||
---|---|---|---|---|---|
31 dhen Mhàrt 1909 - 14 dhen Mhàrt 1911 ← Hannes Þórður Pétursson Hafstein - Kristján Jónsson → | |||||
Beatha | |||||
Breith | 8 dhen Dàmhair 1846 | ||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Bàs | 24 dhen t-Samhain 1912 | ||||
Teaghlach | |||||
Clann |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus neach-naidheachd | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) |
Caibineit Jónsson
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Alþingi
- ↑ Íslendingaþrættir
- ↑ «Jónsson, Bjørn», Arbeidernes leksikon bind IV, Arbeidermagasinets forlag (1934)
- ↑ Tölublaðið
Ceanglaichean a-mach
deasaichRo-theachdair: Hannes Þórður Pétursson Hafstein (1909) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Kristján Jónsson (1911) |