B' e bancair, breitheamh, neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Kristján Jónsson.[1] Rugadh e air 4 am Màrt 1852 ann an croit air a bheil Gautlönd (Norðurland eystra).[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Chuir e seachad bliadhnaichean ag obair às leth na stàite: na sgrìobhadair neach-tomhais talmhainn (18761877), na choimiseanair sgìreil ann an Gullbringu- og Kjósarsýslu (18781886), na bhreitheamh aig caochladh ìre ann an Cùirtean Nàiseanta (1886 - 1911) agus na neach-sgrùdaidh nan cunntasan nàiseanta (1889 - 1895). Bha e an sàs ann am banca Landsbanki bho 1898 gu ruige 1920.[3] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1893. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) neo-eisimeileach bho 1911 gu ruige 1912. Phòs e aig Anna Þórarinsdóttir Eggerz ann an 1880 agus fhuair iad seachdnar duine cloinne còmhla.[4] Bha a chliamhainn Sigurður Eggerz na phrìomh-mhinistear bho 1914 gu ruige 1915 agus eadar 1922 agus 1924. Chaochail Jónsson ann an Reykjavík air 2 an t-Iuchar 1926.[5] Tha iar-ogha Jónsson, Jon Bodvarsson, na chluicheadair ball-coise.[6]

Kristján Jónsson
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

14 dhen Mhàrt 1911 - 24 dhen Iuchar 1912
Björn Jónsson - Hannes Þórður Pétursson Hafstein
Beatha
Breith Gautlönd (en) Translate, 4 dhen Mhàrt 1852
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs 2 dhen Iuchar 1926
Foghlam
Foghlam Oilthigh Copenhagen
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus britheamh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach no value

Caibineit Jónsson

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Alþingi
  2. Gautlönd
  3. Þjóðólfur
  4. Atom
  5. Hænir
  6. Viking Fotboll

Ceanglaichean a-mach

deasaich
Ro-theachdair:
Björn Jónsson
(1911)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Hannes Þórður Pétursson Hafstein
(1912)