B' e neach-lagha, neach-malairt agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Sveinn Björnsson (ˈsveitn̥ ˈpjœsːɔn).[1] Rugadh e air 27 an Gearran 1881 ann an Copenhagen. Bha athair, Björn Jónsson na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1909 gu ruige 1911 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Fhuair Björnsson a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an lagh bho Oilthigh Copenhagen. Phòs e aig Georgia Hansen ann an 1908 agus fhuair iad sianar chloinne còmhla.[2] A thaobh mhalairt, stèidhich e trì companaidhean: Eimskipafélag Íslands hf (luingeanachd),[3] Brunabótafélag Íslands (Airgead-urrais) agus Sjóvátryggingafélag Íslands (Airgead-urrais). B' e esan cuideachd a bha a-measg an fheadhainn a chuir air dòigh A' Chrois Dhearg Innise Tìle ann an 1924.[4] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1914. B' e a' chiad cheann-suidhe na dùthcha a bh' ann am Björnsson, nuair a ghabh Innis Tìle leis a' Phoblachd ann an 1944. Lean e air san dreuchd gu ruige a bhàis. Chaochail Björnsson ann an Reykjavík air 25 am Faoilleach 1952.[5]

Sveinn Björnsson
Ball an Alþingi


Ball an Alþingi


Ball an Alþingi

1914 - 1915
1. Ceann-suidhe Innis Tìle

17 dhen Ògmhios 1944 - 31 dhen Iuchar 1952
← no value - Ásgeir Ásgeirsson
Beatha
Breith Copenhagen, 27 dhen Ghearran 1881
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 25 dhen Fhaoilleach 1952
Teaghlach
Athair Björn Jónsson
Cèile Georgia Björnsson (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Copenhagen : lagh
Menntaskólinn í Reykjavík 1900)
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Duaisean a fhuaras

Prìomh-mhinistearan fo Bhjörnsson

deasaich

Bha Björnsson na cheann-suidhe fad ochd biadhna agus bha sianar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:

Ro-theachdair:
Dreuchd Ùr
(1944)
Forseti Íslands
Neach-ionlaid:
Ásgeir Ásgeirsson
(1952)

Iomraidhean

deasaich
  1. Alþingi
  2. Andvari
  3. Morgunblaðið
  4. Rauði Krossinn
  5. Morgunblaðið

Ceanglaichean a-mach

deasaich