Județul Sălaj
Szilágy Megye
Actual Salaj county CoA.png
Gearradh-arm
no Seula
[[Faidhle: |300x300px]]
Dealbh
Salaj in Romania.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Romania.svg Romàinia
Prìomh-bhaile ROU AR Arad CoA.svg Zalău
Roinn Eachdraidheil Crişana/Transylvania
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,864 km²
Àireamh-shluaigh 224,384 (2011)
Dlùths 58.07/km²
Àireamh fòn +40 260/360
Clàr Àireamh-carbaid SJ
Duilleag oifigeil Riaghaltas Roinneil

'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sălaj (IPA: səˈlaʒ, Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Szilágy). Tha e suidhichte eadar Cluj, Satu Mare, Bihor agus Maramureş. 'S e Zalău a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Sălaj an 38mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 39mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]

EachdraidhDeasaich

'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm Sălaj. Tha cuid ag ràdh gur ann à Laideann Silva (Gàidhlig: Coille) a tha e, fhad 's a tha feadhainn eile dhen bheachd gun tàinig e à Dacais zilai (Gàidhlig: Fìon dearg).[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 nuair a dh'aonadh Kraszna agus Közép-Szolnok. Bhuineadh Sălaj, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Sălaj ann an 1920.[5]

CinnidheachdDeasaich

  • Romàinianaich – 71.23%[6]
  • Ungairianaich – 23.04%
  • Romani – 5.05%
  • Eile - 0.68%

CreideamhanDeasaich

Bailtean as MothaDeasaich

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[8]

Baile Muinntir
Zalău (Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Zilah) 56,202
Șimleu Silvaniei (Gearmailtis: Schomlenmarkt, Ungairis: Szilágysomlyó) 14,436
Jibou (Gearmailtis: Siben, Ungairis: Zsibó) 10,407
Cehu-Silvaniei (Gearmailtis: Bömischdorf, Ungairis: Szilágycseh) 7,214
Crasna (Gearmailtis: Krassmarkt, Ungairis: Kraszna) 6,485
Sărmășag (Ungairis: Sarmaság) 6,092
Pericei (Ungairis: Szilágyperecsen) 3,768
Bobota (Ungairis: Nagyderzsida) 3,766
Bălan (Gearmailtis: Blasenkirchen, Ungairis: Almásbalázsháza) 3.722
Ip (Ungairis: Ipp) 3,648
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[9]

Daoine AinmeilDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Nutritionist Cluj
  2. Welcome to Romania
  3. Criticatac
  4. Adevǎrul
  5. Hungarian History
  6. Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
  7. Népszamlalas
  8. OSZK
  9. City Population

Ceanglaichean A-machDeasaich

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: