Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin
Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin Международная ленинская школа | |
Stèidhichte | 1926 |
Suidheachadh | Mosgo, Aonadh Sobhiat |
Oileanaich | mu 3,500 |
B' e àite foghlaim airson Comannaich bho air feadh an t-saoghail a bh' ann an Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin (Ruisis: Международная ленинская школа).[1] Chaidh a stèidheachadh ann am Mosgo ann an 1926 agus lean i air gu ruige 1938. B' ann air treànadh ann am poileataigs, ainneart agus ar-a-maich a thoirt do dhaoine air a dhèanadh an sgoil sin fòcas agus fad bhliadhnaichean chitheadh a cuid sheann oileanaich aig àrd ìre ann an saoghal poileataigs, ar-a-maich agus cogadh.[2] Fhuair mu 3,500 oileanaich bho corr is 59 dùthaich - air an taghadh le pàrtaidhean Comannach nan dùthchannan aca - foghlam san sgoil. B' e an Sgoil Kushnarenkovo a lean oirre le obair Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin bho 1941 gu ruige 1943.[3]
Oileanaich
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ J.T. Murphy, "The First Year of the Lenin School," Communist International, vol. 4, no. 14 (Sept. 20, 1927)
- ↑ Gidon Cohen and Kevin Morgan, "Stalin's Sausage Machine: British Students at the International Lenin School 1926-37," Twentieth Century British History, vol. 13, no. 4 (2002)
- ↑ Julia Köstenberger, "Die Internationale Lenin-Schule (1926-1938)," ann am Michael Buckmiller and Klaus Meschkat (eds.), Biographisches Handbuch zur Geschichte der Kommunistischen Internationale: Ein deutsch-russisches Forschungsprojekt. Berlin: Akademie Verlag, 2007