Codăești
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Vaslui
Co-chomharran 46° 52 10' Tuath
27° 44 34' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 68.47 km²
Àireamh-shluaigh 4,362 (2011)
Dlùths 63.71/km²
Àireamh fòn +40 02 35
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag eadar Iași agus Vaslui, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann an Codăești (IPA: ˈkoˈdəet͡ʃʲ). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Codăești fhèin, aig 129m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Vaslui. Tha 4,362 duine a' fuireach ann.[1] Tha ceithir clachan ann: Codăești fhèin, Ghergheleu, Pribești agus Rediu Galian. 'S ann air àiteachas 's a tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte.

Eachdraidh

deasaich

Thàinig Iùdhaich dhan sgìre san 18mh Linn agus bha coimhearsnachd làidir agus beòthail ann gu ruige an Uile-losgadh Nàsach. Chan eil Iùdhach no Iùdhach air fhàgail sa bhaile an latha an-diugh. Ann an 1949, chaidh Pavel Coman, sagart Codăești, a chur an greim agus dhìteadh airson traoidhtearachd agus ceannairceachd an aghaidh Riaghaltas Comunnach na dùthcha.[2]

Daoine ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Ziarul Lumina
  3. Robert Levy, Ana Pauker: The Rise and Fall of a Jewish Communist, Berkeley: UCP, 2001, ISBN 0-520-22395-0.