'S e An t-Àth Leathann an dàrna baile as motha anns an Eilean Sgitheanach. Tha e suidhichte an àird an ear an eilein air an A87 eadar Port Rìgh agus Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Sealladh air an Àth Leathann

Anns a' bhliadhna 2006 bha 620 duine a' fuireach ann.[1] Tha Ospadal beag ann, an Mackinnon Memorial, ach tha dùil gun téid ospadal nas motha a thogail ann a fhrithealas air an Eilean Sgitheanach gu léir, agus air Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois[2].

Leabhraichean

deasaich
  • A Summer in Skye, leabhar a sgrìobh am bàrd Alexander Smith ann an 1865. Tha caibideil ann mu fhèill an Àth Leathainn.[3]

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Staitistearachd na h-Alba
  2. BBC:Naidheachdan: Ospadal Ùr san Àth Leathann, 2014-12-02
  3. A Summer in Skye (1865)

Ceanglaichean a-mach

deasaich