Kommúnistaflokkur Íslands
Pàrtaidh Comannach Innise Tìle
Fiosrachadh
Stèidheachadh 3 an Dùbhlachd 1930
Luchd-stèidheachaidh Brynjólfur Bjarnason
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Co-mhaoineas

B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri Co-mhaoineas a bh' ann an Kommúnistaflokkur Íslands (Gàidhlig: Pàrtaidh Comannach Innise Tìle).[1] Chaidh buidheann òigridh na làimhe chlì, air an robh Félag ungra kommúnista (Gàidhlig: Commann nan Comannach Òga), a stèidhedachadh am broinn Alþýðuflokkurinn - Pàrtaidh deamocratach sòisealta - ann an 1922. B' e gu robh ideòlas an fheadhainn siud gu math eadar-dhealaichte bho bheachdan Alþýðuflokkurinn air fad agus ann an 1930, fo bhuaidh na Comintern, stèidhich iad pàrtaidh Comannach fa leth.[2] Ghabh iad pàirt anns na taghaidhean dhan Alþingi (pàrlamaid) ceithir tursan fad na 30an. Mu dheireadh thall, ann an 1937, bha triùr þingmenn (Gàidhlig: buill-pàrlamaid) commanach air an taghadh: Brynjólfur Bjarnason, Einar Olgeirsson agus Ísleifur Högnason. Mhair Kommúnistaflokkur Íslands gu ruige 1938 nuair a thill iad gu Alþýðuflokkurinn. B' e Verklýdsblaðið a bh' ann pàipear-naidheachd a' pàirtidh.

Taghaidhean dhan Alþingi deasaich

Seo na torraidhean a fhuair Kommúnistaflokkur Íslands anns na taghaidhean dhan Alþingi, a-rèir Dieter Nohlen (2010).[3]

Taghaidhean dhan Alþingi
Bliadhna % Seataichean
1931 3,0 0
1933 7,5 0
1934 6,0 0
1937 8,5 3

Ceanglaichean a-muigh deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Alþingi
  2. Verklýdsblaðið
  3. Dieter Nohlen, Philip Stöver: Elections in Europe. A Data Handbook, Baden-Baden 2010, S. 947–86
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: