B' e feallsanaiche, leabharlannaiche agus eachdraiche a bh' ann an Adhamh MacFhearghais (Beurla: Adam Ferguson) (20 an t-Ògmhios 172322 an Giblean 1816). Thathar ag ràdh gur e "athair sòiseo-eòlais nua-aimsireil" a bh' ann an Adhamh MacFhearghais.

Adhamh MacFhearghais
Beatha
Breith Lag an Ràtha, 20 dhen Ògmhios 1723 (Julian)
Dùthaich  Alba
Bàs Cill Rìmhinn, 22 dhen Ghearran 1816
Àite-adhlacaidh St Andrews Cathedral, Saint Andrews (en) Translate
Teaghlach
Athair Adam Ferguson
Màthair Mary Gordon
Cèile Catherine Burnett (en) Translate  (1766 -
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Chill Rìmhinn
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, leabhar-lannaiche, eachdraiche, luchd an airm, aistear, eaconamaiche, sgrìobhadair, clèir, sòiseo-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh agus seaplain
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Advocates Library (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Montesquieu (mul) Translate
Ballrachd Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
The Poker Club (en) Translate
The Select Society (en) Translate
Gluasad Soillseachadh na h-Alba
Scottish Common Sense Realism (en) Translate
Ìre military chaplain (en) Translate
Creideamh
Creideamh Seanaireachd

Rugadh e ann an Lag an Ratha ann an Athall. Bha Gàidhlig aige. Bha a athair na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Fhuair e foghlam ann an sgoil-pharaiste Lag an Ratha, ann an sgoil-ghràmair Pheairt agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obair Dheathain. Ann an Dùn Èideann, chuir e aithne air Ùisdean Blair, Alasdair Carlyle agus daoine eile a bha 'n sàs ann an Soillseachadh na h-Alba.

O chionn 's gun robh Gàidhlig aige, fhuair e dreuchd mar leas-mhinistear-feachd aig 43mh rèisimeid, "Am Freiceadan Dubh", ged nach do chuir e crìoch air a cheum ann an diadhaireachd. Bha e còmhla ris an rèisimeid gu ruige 1754. Às dèidh sin, dh'fhàg e an t-Arm agus chuir e roimhe a bhith na sgrìobhadair làn-thìde. Bha e a' fuireach ann an Leipzig anns a' Ghearmailt, thill e a Dhùn Èideann agus ann an 1757, fhuair e obair mar leabharlannaiche aig Roinn nan Tagraichean. A dh'aithghearr, fhuair e obair eile mar oide-ionnsachaidh do theaglach Iarla Bhòid. Bho 1759, bha MacFheargais na àrd-ollamh ann am feallsanachd nàdarra aig Oilthigh Dhùn Èideann. Ann an 1764, chaidh a ghluasad gu feallsanachd-inntinn agus beus-eòlas.

Leabhar-chlàr

deasaich
  • Essay on the History of Civil Society (1767)

Ceanglaichean a-muigh

deasaich