Am Muir Àigeanach
Suidheachadh
Ainm dùthchail Αιγαίο Πέλαγος/Ege denizi
Seòrsa Muir
Farsaingeachd 214,000km2
Fad 610km
Leud 299km
Mòr-roinn Aisia/Roinn-Eòrpa
Dùthaich A' Ghrèig
An Tuirc
Làrach-lìn UNECE

'S e muir air àirde an ear-dheas na Roinn-Eòrpa a th' anns a' Mhuir Àigeanach (Greugais: Αιγαίο Πέλαγος, Turcais: Ege denizi). Tha i suidhichte eadar Àisia agus an Roinn-Eòrpa agus bidh uisgeachan na Mara Duibhe a' sruthadh ann tro na Dàrdainealan.[1] Tha a' mhuir 610km a dh'fhaide agus 299km a leud. Tha doimhneachd na Mara Àigeanaich 1,253m thar cheann, ged a tha i mòran nas doimhne ann an corra àite, fiù 's 3,543m. Tha salannachd mheadhanach aice, 3.91–3.92psu air grunnd na mara.[2] ‘S ann dhan Mhuir Mheadhan-thìreach a sruthas uisgeachadh na Mara Àigeanaich.

Chan eil freumh-fhaclachd na mara seo idir soilleir ach tha e coltach gur ann à ainm an Rìgh Ghreugaich Αἰγεύς a tha e. Tha cuid eile dhen bheachd gun tàinig an t-ainm à αἶγες, a tha a'ciallachadh tuinn.[3] 'S e Muir Gheal (Бяло море) a thathar a' toirt oirre ann an Sèirbis.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. GRIDA
  2. Washington
  3. Perseus