Na Dàrdainealan
Na Dàrdainealan | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | Çanakkale Boğazı |
Seòrsa | Muir |
Fad | 61km |
Leud | 1.2km - 6km |
Mòr-roinn | Àisia/Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | An Tuirc |
Làrach-lìn | Çevre ve Șehircilik Bakanliği |
'S e caolas anns an Tuirc a th' anns na Dàrdainealan (Turcais: Çanakkale Boğazı, IPA: tʃaˈnakkaˌle). Tha e suidhichte eadar Àisia agus an Roinn-Eòrpa anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadar am Muir Àigeanach agus a' Muir Mharmara/Bòsfaras a th' ann. Tha an caolas 61km a dh'fhaide (eadar Sedd el Bahr agus Gallipoli). Chan eil na Dàrdainealan idir domhainn, dìreach 55m thar cheann. Tha salannachd mheadhanach aige, eadar 15.01psu agus 18.64 psu.[1] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh na Dàrdainealan mu 5600 RC, nuair a bha ìre na mara a' sìor-fhàs an dèidh Linn na Deighe.[2]
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann à Dardanium, baile nan Greugach a bh' ann an seo o chionn a tha an t-ainm a thathar a' cleachdadh san Roinn-Eòrpa.[3] Canar Çanakkale (Gàidhlig: Dùn nam Poit) ris ann an Turcais, leis gu bheil am baile seo faisg air làimh.