Còmhdhail
'S e siubhal bho àite gu àite eile a tha ann an còmhdhail no giùlan.
Modhan giùlainDeasaich
Tha caochladh mhodhan-giùlain ann, air an roinn a rèir na dòigh air am bi iad a' siubhal agus a rèir nan uidheaman a bhios a' giùlan na trabhaig fhèin. Tha modhan-giùlain eadar-dhealaichte freagarrach air trabhaig eadar-dhealaichte. Mar riaghailt choitcheann, bidh na modhan-giùlain as luaithe nas cosgaile - an airgead agus an cumhachd.
Tha na prìomh roinnean a rèir a' mheadhain
Giùlan air tìrDeasaich
Cleachdar caochladh mhodhan-siubhail air tìr, nam measg rathaidean-iarainn, carbadan-ola(nach eil gu mòran feum gun rathad dubh, le bàrr tearra) agus canalan.
Giùlain tron adharDeasaich
Cleachdar itealain agus heileacoptairean.
Ann an Alba tha siubhal itealain gu math cudthromach do na h-eileanan. Anns a' chiad dol a-mach, leasachadh seirbhisean itealain gu na h-eileanan le Loganair anns na 1960an
Giùlan air uisgeDeasaich
Is urrainn do ghiùlan thar uisge a bhith na mhodh-siubhail cho saor 's a th' ann a thaobh cumhachd. O chionn 's gu bheil suathadh eadar cochall na luinge agus an t-uisge a rèir astar an t-siubhail, cha mhòr nach eil suathadh idir ann aig long a bhios na siubhal gu mall.
Anns an fharsaingeachd is e siubhal-adhair as cosgaile an cumhachd, ged as e am modh-siubhail as luaithe.
Dòighean siubhailDeasaich
- Carbad no Càr
- Trèana
- Rathad-iarainn
- Itealan (pleana)
- Bàta-aiseag
- Rocaid
- Rothar
Stèiseanan rèileDeasaich
Air na rathaidean-iarainn bho Sràid na Banrigh ann an Glaschu gu tuath, bidh soidhnichean a' nochdadh gu dà-chànanach ann an Gàidhlig is Beurla.