Zalău
Zalău Zilah/Zillenmarkt
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Sălaj | ||||
Co-chomharran | 47° 11 08' Tuath 23° 03 22' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 90.09 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 56,202 (2011) | ||||
Dlùths | 623.84/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 60 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhannach eadar Cluj-Napoca agus Oradea, air an àirde an iar-thuath Romàinia a th' ann an Zalău (IPA: ˈzaˈləw, Ungairis: Zilah, IPA: ˈzilɒx, Gearmailtis: Zillenmarkt/Waltenberg, Turcais: Zile). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Valea Zalălui, aig 275m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Sălaj. Tha 56,202 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaichThuirt Gheorghe Chende-Roman gur ann às an fhacal Silva (Gàidhlig: coille) ann an Laideann s' a tha ainm a' bhaile (Zalău) agus ainm na siorrachd (Sălaj).[2] Tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann a zilai (Gàidhlig: fìon dearg) ann an Daitis agus tha teòiridh eile ann a chanas gur ann à zalaj (Gàidhlig: ìochdar) ann an Ruisis 's a th e.[3] Bhuinneadh an t-àite do Dhacia Shaor, agus bha crìochan le Impireachd na Ròimhe 5km air falbh on bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an Gesta Hungarorum mu 1200 agus nochd an t-ainm ann an sgrìobhainn ann an 1220 mar Villa Ziloc agus an uair sin mar Zylac ann an 1246. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699,[4] seach dà bhliadhna bho 1660 gu ruige 1692 nuair a bha e fo smachd nan Otomanach. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Rinn feachdan Miklós Horthy, deachdaire na h-Ungaire, murt air 11 duine ann an Zalău air 8 an t-Sultain 1940.
Daoine ainmeil
deasaich- Dacian Cioloș (1969), Neach-poilitigs.
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Chende-Roman, G., Dicționar etimologic al localităților din județul Sălaj, Editura Caiete Silvane, Zalău, 2006.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.