Velyki Sorochyntsi
Великі Сорочинці
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Poltavska Oblast
Sgìre Myrhorodskyi Raion
Co-chomharran 50° 01 24' Tuath
33° 56 33' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 103 km²
Àireamh-shluaigh 4,231 (2021)
Dlùths 41.08/km²
Àireamh fòn + 380 5355
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag eadar Poltava agus Myrhorod anns An Ucràin a th' ann am Velyki Sorochyntsi (Ucràinis: Великі Сорочинці, Pòlais: Wełyki Soroczynci, ainm goirid: Sorochyntsi). Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Psel, san roinn Poltavska Oblast. Tha 4,231 duine a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd

deasaich

'S ann à dà fhacal ann an Ucràinis 's a tha an t-ainm: Великі (Gàidhlig: Seann) agus сорока (Gàidhlig: pioghaid). A dh' aindeoin sin, cuid a dhaoine dhen bharrachd gur e сорочка 's a th' ann an dàrna eileamaid.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1646 mar Krasnopil. Thogadh manachainn an seo ann an 1670 agus eaglais ann an 1772. Thadhal am bàrd Taras Shevchenko air a' bhaile ann an 1845 fhad's a bha e a' sgrìobhadh leabhar mu dheidhinn ailtireachd agus eachdraidh na sgìre. Chanadh Neronovychi ris eadar 1925 agus 1931 mar urram air an neach-poileataigs Comunnach Yevhen Neronovych, a chaidh a chur gu bàs sa bhaile ann an 1918.[1] Ann an 1991, thàinig Velyki Sorochyntsi gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

deasaich

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Velyki Sorochyntsi a' bruidhinn (97.98%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (1.95%).[2]

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Arts and Culture
  2. Ukcensus
  3. Bojanowska, Edyta M. (2007). "Introduction". Nikolai Gogol: Between Ukrainian and Russian Nationalism. Cambridge, MA: Harvard University Press, ISBN 9780674022911.

Ceanglaichean a-mach

deasaich