Tuaim
Tuaim
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Èirinn | ||||
Ceàrn | Contae na Gaillimhe | ||||
Sgìre | Cúige Chonnacht | ||||
Co-chomharran | 53° 31 00′ Tuath 8° 51 00′ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 8,767 (2016) | ||||
Àireamh fòn | 00 353 093 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.galway.ie/ |
'S e baile beag ann an ceann a tuath Chontae na Gaillimhe, sa Chúige Chonnacht, air an àirde an iar na h-Èireann a th' ann am Tuaim[1] (Seann Ghàidhlig: Tuaim Dá Ghualann). Tha e suidhichte aig 45m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-Aibhne Nanny,[3] 193km air falbh bho Dhoire, 30km bho Ghaillimh, 181km bho Chorcaigh agus 173km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 8,242 duine a’ fuireach an seo.[5] Gu h-inntinneach, tha dà chathair-eaglais sa bhaile, tè Chaitligeach agus tè eile a bhuineas don Eaglais Easbaigeach.
Eachdraidh
deasaichAnn an 1613 thug an rìgh Seumas VI cead dhan bhaile agus dhan sgìre dithis bhall a thaghadh do Phàrlamaid na h-Èireann. Chuireadh às dhan phàrlamaid sin ann an 1800. Ann an 1920, chaidh talla a' bhaile a losgadh le daoine Constáblacht Ríoga na hÉireann an dèidh dhan IRA ionnsaigh a thoirt orra, mar phàirt a' chogaidh.