Tolmount
'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Tolmount. Tha e 958 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Tolmount | |
---|---|
Tolmount bho Ghleann Caladair | |
Àirde (m) | 958 |
Àirde (tr) | 3,143 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Bràigh Mhàrr |
Mapa cumadh-tìre | Ordnance Survey Landranger 43 |
Comharradh-clèithe | NO21058006 |
Tha coltas ann gu bheil an t-ainm a' tighinn bho na faclan toll agus monadh anns a' Ghàidhlig[1]
Tha a' bheinn suidhichte ann an àite iomallach mu 6km san ear den rathad A93, mu 14km san ear-dheas de Bhràigh Mhàrr agus mu 8km san ear san ear thuath de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. Mar as trice bithear ga dhìreadh bho Jock's Road ann an Gleann Caladair agus ga cheangal le Tom Buidhe[2], air neo dh'fhadadh a cheangal le Càrn an Tuirc no Càrn na Claise san iar, agus Glas Maol agus Creag Leacach san iar-dheas.
'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 65, 118.
- ↑ Tomount air Munromagic