'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Càrn na Claise, Beurla: Cairn of Claise. Tha e 1064 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.

Càrn na Claise

Càrn na Claise bhon Deas
Àirde (m) 1064
Àirde (tr) 3490
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Càrn na Claise is located in Alba
Càrn na Claise
Càrn na Claise (Alba)
Suidheachadh Bràigh Mhàrr
Mapa cumadh-tìre Ordnance Survey Landranger 43
Comharradh-clèithe NO18557889

Chan eil ciall an ainm soilleir, ged a tha iomadh neach air feuchainn ri mìneachadh a thoirt seachad.[1].

Tha a' bheinn suidhichte dìreach 4km san ear den rathad A93, mu 13km san deas de Bhràigh Mhàrr agus mu 4km san ear san ear thuath de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. 'S e an dòigh as luaithe a bhith a' tòiseachadh bhon rathad A93 agus a' dìreadh bho thaobh an iar-thuath thairis air Sròin na Gaoithe. Dh'fhaodadh a ceangal le Càrn an Tuirc san tuath, agus Glas Maol agus Creag Leacach san deas[2], agus fiù 's leis an dà bheinn rothaich san iar, Tolmount agus Tom Buidhe.

'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.


Iomraidhean

deasaich
  1. Ainmean-Àite na h-Alba
  2. Càrn an Tuirc air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich