Am Monadh Ruadh
'S e monadh air taobh an ear na Gàidhealtachd a th' anns A' Mhonadh Ruadh (Beurla: The Cairngorms). Tha e suidhichte eadar An Aghaidh Mhòr san iar, Abèidh san ear, Obar Neithich san tuath Bràigh Mhàrr san deas.
Chaidh an sgìre a dhèanamh na Pàirc Nàiseanta ann an 2003, an dàrna pàirc nàiseanta ann an Alba, ged a bha leasachaidhean connsbaideach air an dèanamh mar-thà, le raon-sgithidh mhòr air a' Chàrn Ghorm. Tha am Monadh ruadh a' tarraing luchd-sreap sa gheamhradh agus as t-samhradh agus tha mòran chothroman ann coiseachd tro ghlinn agus suas beanntan. 'S e an gleann as ainmeil An Làirig Dhrù. Sa gheamhradh is toil le luchd-sgithidh tighinn dhan sgìre, cuid a' cleachdadh an ionad-sgìthidh oifigeil, agus cuid a' sgìtheadh ann an àiteachan iomallach thairis air a' mhòintich.
Beanntan
deasaich- Beinn Mac Duibh (1309 m)
- Am Bràigh Riabhach (1296 m)
- Càrn an t-Sabhail (1293 m)
- Sgòr an Lochain Uaine (1258 m)
- An Càrn Gorm (1245 m)