'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Càrn an Tuirc. Tha e 1019 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.

Càrn an Tuirc

Càrn an Tuir bho thaobh an iar
Àirde (m) 1019
Àirde (tr) 3343
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Càrn an Tuirc is located in Alba
Càrn an Tuirc
Càrn an Tuirc (Alba)
Suidheachadh Bràigh Mhàrr
Mapa cumadh-tìre Ordnance Survey Landranger 43
Comharradh-clèithe NO17438046

Tha an t-ainm a' toirt iomradh air torc a bha ga shealg an sin.[1]

Tha a' bheinn suidhichte dìreach 2.5 km san ear den rathad A93, mu 11km san deas de Bhràigh Mhàrr agus mu 4km san ear thuath de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. 'S e an dòigh as luaithe a bhith a' tòiseachadh bhon rathad A93 agus a' dìreadh bho thaobh an iar na beinne. Dh'fhaodadh a ceangal le Càrn na Claise, Glas Maol agus Creag Leacach[2], agus fiù 's leis an dà bheinn rothaich san iar, Tolmount agus Tom Buidhe.

'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.


Iomraidhean

deasaich
  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d.176
  2. Càrn an Tuirc air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich