Björn Þórðarson
B' e neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann am Björn Þórðarson (IPA: ˈpjœrtn̥ ˈθourðarsɔn̥).[1] Rugadh e air 6 an Gearran 1879 ann an croit air a bheil Móum á Kjalarnesi (Höfuðborgarsvæðið). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Copenhagen agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1942. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) neo-eisimeileach fad dà bhliadhna bho 1942 gu ruige 1944. B' e gu robh esan airson an ceangail a bha fhathast ann eadar An Danmhairg agus Innis Tìle a bhriseadh agus An Danmhairg fo bhuaidh na Gearmailte aig an àm. Le sin, ghabh Innis Tìle leis a’ Phoblachd air an latha mu dheireadh dhen teirm aige san dreuchd. B' ann laìdir 's a bha buaidh nan Stàitean air an dùthaich tro na bliadhaichean siud is dithis às a’ Chaibneit aige ag obair à leth chompanaidhean mòra Aimearaganach: Vilhjálmur Þór airson ESSO agus Björn Ólafsson a stèidhich Vífilfel (a tha a’ reic Coca Cola ann an Innis Tìle). Fiù's chanadh Caibineit Coca Cola riutha aig an àm. B' e sin an aon riaghaltas a bh' ann a-riamh aig nach robh taic phàrlamaideach o chionn's gun deach a stèidheachadh gu h-eadar-amail tron Chogadh. Anns a' chaibineat aige ghabh e thairis Ministrealachd na Slàinte agus an Eaglais, agus mu dheireadh cuideachd bha e na mhinistear ceartais is foghlaim. Às deidh deireadh a theirm san dreuchd, leig Þórðarson dheth a bheatha phoilitigeach. Phòs e aig Ingibjörg Ólafsdóttir ann an 1914 ach cha robh clann aca.[2] Chaochail Þórðarson ann an Reykjavík air 25 an Dàmhair 1963.[3]
Björn Þórðarson | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
16 dhen Dùbhlachd 1942 - 21 dhen Dàmhair 1944 ← Ólafur Tryggvason Thors - Ólafur Tryggvason Thors →
19 dhen Ghiblean 1943 - 21 dhen Dàmhair 1944 ← yfirlækni Jóhann Sæmundsson (en) - Finnur Jónsson (en) →
21 dhen t-Sultain 1944 - 21 dhen Dàmhair 1944 ← Einar Arnórsson - Finnur Jónsson (en) →
14 dhen Mhàrt 1950 - 7 dhen Ghearran 1953 ← Bjarni Benediktsson - Bjarni Benediktsson → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | 6 dhen Ghearran 1879 | ||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||
Bàs | 25 dhen Dàmhair 1963 | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
no value Am Pàrtaidh Adhartach |
Caibineit Jónsson
deasaichSeo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Þórðarson os cionn an riaghaltais.[4] Bhuinneadh iad uile gu Alþýðuflokkurinn, Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Björn Þórðarson: Prìomhaire, Slàinte is Cùisean Eaglaiseil agus Cùisean Sòisealta bho 19.04.1943 agus Ceartas is Foghlam bho 21.09.1944
- Vilhjálmur Þór: Dùchannan Cèin agus Cosnadh
- Björn Ólafsson: Ionmhais
- Einar Arnórsson: Ceartas agus Foghlam gu ruige 21.09.1944
- Jóhann Sæmundsson: Cùisean Sòisealta bho 22.12.1942 gu ruige 19.04.1943
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRo-theachdair: Ólafur Tryggvason Thors (1942) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Ólafur Tryggvason Thors (1944) |